Atharrachadh eadar-amail an Ospadal Ghallaibh
- Air fhoillseachadh

Thuirt NHS na Gàidhealtachd gun tug iad atharrachadh eadar-amail air na seirbheisean màthaireil aca ann an Ospadal Ghallaibh ri linn bàs leanaibh a bh' air ùr-bhreith.
Dh'aidich am Bòrd Slàinte gur math dh'fhaoidte gum biodh e air a bhith comasach bàs an leanaibh a sheachnadh nam biodh iad air a chur a dh'Inbhir Nis far a bheil goireasan nas adhartaiche aca.
Ged nach d' fhuair a' chiad rannsachadh gun robh luchd-obrach ann an Inbhir Ùige air càil a dhèanamh ceàrr, thuirt stiùiriche meidigeach NHS na Gàidhealtachd, an Dtr Rod Harvey, gu bheil iad air atharrachaidhean eadar-amail a chur an sàs, agus coltas ann gum bi barrachd bhoireannach aig a bheil dùil ri leanabh gan cur a dh'Inbhir Nis.
Thuirt an Dotair Harvey gun robh iad air coinneachadh ri teaghlach an leanaibh, agus gun cumadh iad fios riutha mun àth-sgrùdadh a tha ga dhèanamh ri linn a bhàis.
Tuilleadh air an sgeulachd seo
- 7 An Lùnastal 2015