Iasgair à Bhatarsaigh air bàsachadh

  • Air fhoillseachadh
Gerard MacGill'IosaTùs an deilbh, Eile
Fo-thiotal an deilbh,
Gerard MacGill'Iosa

Dhearbh Poileas na h-Alba gun do bhàsaich iasgair à Bhatarsaigh às dèidh dha tuiteam dhan uisge faisg air Miughalaigh feasgar na Sàbaid.

Chaidh an duine ainmeachadh mar Gerard MacGill'Iosa a bha 42.

Fhuair am fear eile a bh' air bòrd an Annie T grèim air Mgr MacGill'Iosa agus chaidh a thoirt às an uisge.

Chaidh fios a chur air na na seirbheisean-èiginn mu 13:25.

Thug heileacoptair nam maor-cladaich e gu Ospadal nan Eilean ann an Steòrnabhagh, far an do bhàsaich e.

Chan eil dad amharasach mun chùis agus thèid aithisg gu Neach Casaid a' Chrùin.