Amasan aiseig an Riaghaltais
- Air fhoillseachadh

Tha Riaghaltas na h-Alba air na h-amasan aca a thaobh aiseagan ùra ChalMac fhoillseachadh, airson coinneachadh ris an àrdachadh a tha an dùil a thig air àireamhan luchd-siubhail.
A-measg nam planaichean, tha gum bi dà shoitheach ùr eile aca cho mòr ris an Loch Seaforth, le tè aca a' seòladh eadar an Tairbeart, Ùig is Loch nam Madadh.
Ach, tha an t-uabhas obrach ri dhèanamh air na cidhichean son a h-uile càil a thoirt gu buil.
Tha Comhairle nan Eilean Siar ag radh gu bheil e fìor chudromach gun tig Riaghaltas na h-Alba a bhruidhinn ri muinntir nan eilean mu na h-amasan ùra a dh'fhoillsich iad Dihaoine, a thaobh aiseagan air a' chosta an iar.
Draghan air nochdadh
A-rèir Cathraiche Còmhdail na Comhairle Iain MacAoidh, bha pàipear an riaghaltais doirbh a thuigsinn, agus cha d'fhuair a' chomhairle ùine gu lèor sùil mhionaideach a thoirt air.
"Chan eil an Loch Seaforth freagarrach airson na ceithir runs a dhèanamh as t-Samhradh," thuirt e.
Thuirt Mgr MacAoidh gun robh e math as t-Samhradh sa nuair a bha an Isle of Lewis ann son taic a chumail ris an Loch Seaforth, ach tha a' chomhairle ag iarraidh gun tèid bata bathair fa leth a chur air an t-seirbheis.
Nochd dragh cuideachd mun obair leasachaidh a bhios a dhith air cidheachan ma thig soithichean ùra air cuid de shlighean.
Tha e coltach gum biodh Ùige, an Tairbeart agus Loch nam Madadh a-measg nan cidheachadh a bhith feumach air leasachadh.
"Chan eil mise a' tuigsinn seo idir," thuirt Mgr MacAoidh. "Tha bàta ùr ga thogail an-dràsta son na slighe sin. Cha chuala sinne guth gum feumadh iad atharrachadh nan cidheachan".
Aiseagan Earra-Ghàidheal
A-measg nam planaichean a chaidh fhoillseachadh, tha taic-airgid £1m son cidhe ùr do dh'Eilean Chearrara.
Leigeadh an leasachadh le càraichean a bhith a' cleachdadh na seirbheis fad an t-siubhail, eadhon's aig làn àrd.
Mairidh an obair sia seachdainnean agus thèid a dhèanamh tro mhìosan a' gheamhraidh.
Tha dòchas ann gum bi an t-seirbheis ùr gu feum do mhuinntir an eilein, sgoilearan gu h-araidh, agus gum biodh e a' tàladh barrachd luchd-turais a Chearrara.