Rannsaiche à Iapan air turas dhan a' Ghàidhealtachd

Geàrrloch Image copyright Dave Croker / Geograph
Image caption Bidh Takahisa Hinata a' tadhal air Geàrrloch, an t-Eilean Sgitheanach agus Ulapul gus ionnsachadh mu iomairtean shòisealta.

Tha rannsaiche à Hokkaido ann an Iapan air turas chun na Gàidhealtachd an-dràsta gus ionnsachadh mar a tha companaidhean agus gnìomhachasan sòisealta ag obair ann an sgìrean dùthchail a' Chinn a Tuath.

Tha Takahisa Hinata a' rannsachadh an gabh dòighean-obrach air a' Ghàidhealtachd an cuir gu feum na dhùthaich fhèin.

Bidh e ag obair còmhla ri com-pàirtichean bho Iomairt na Gàidhealtachd 's nan Eilean fhads a tha e san dùthaich.

Iomadh ceangal

Ged a tha iomadh mìle mìle eadar Hokkaido, am prìomh eilean as fhaide tuath ann an Iapan, agus a' Ghàidhealtachd, tha an dà sgìre gu math coltach ri chèile ann an iomadh dòigh.

Feumaidh an dà sgìre, a tha le chèile gu math iomallach, dèiligeadh ri sluagh a tha a' fàs nas sinne agus mar a tha daoine òga a' falbh gus obraichean fhaighinn ann an sgìrean nas trainge.

Tha Mgr Hinata air a bhith a' tadhal air an Eilean Sgitheanach, Geàrrloch agus Ulapul a-measg eile gus ionnsachadh mar a tha gniomhachasan sòisealta gan cuir air bhonn.

Chan eil ach aon ghniomhachas shòisealta aca ann an Iapan an-dràsta, ged a thathas airson barrachd a chur air bhonn.

Thuirt Màiri Riddoch bho Iomairt na Gàidhealtachd 's nan Eilean gu bheil na h-Albannaich cuideachd ag ionnsachadh tòrr mu mar a tha cùisean gan cuir air dòigh ann an Iapan, agus a' coimhead às ùr air mar a tha iomairtean shòisealta gan cuir air bhonn an seo.