Slighe baidhsagail a' Ghlinne Mhòir deiseil

  • Air fhoillseachadh
Boireanach air baidhsagal
Fo-thiotal an deilbh,
Tha an t-slighe mar phàirt de Shlighe Chaledonia a tha dol eadar Ceann Loch Chille Chiarain agus Inbhir Nis.

Chaidh crìoch a chur air slighe baidhsagail a' Ghlinne Mhòir le Ministear na Còmhdhail, Derek MacAoidh a' cur fàilte air an naidheachd ann an Inbhir Nis.

'Se an t-slighe eadar an Gearasdan agus Inbhir Nis am pìos mu dheireadh de Shlighe Chaledonia, agus tha Còmhdhail na h-Alba air còrr is £3m a chosg air.

Tha an t-slighe a' cleachdadh rathaidean beaga ionadail, slighean ri taobh a' Chànail Chaileanaich agus rathaidean coille a' ciallachadh gum faod luchd-baidhsagail an A82 a sheachnadh ann am mòran sgìrean.

Rothaireachd

Tha Lìonra Nàiseanta na dùthcha air a bhith dol son 20 bliadhna agus a-reir Iain Lauder bho Sustrans, tha an t-slighe seo làn sheallaidhean brèagha agus bu chòir dhith luchd-turais agus sluagh na sgìre a thàladh thuice.

Thuirt Neach-gairm Comhairle na Gàidhealtachd, Iseabail NicCalluim gu bheil rothaireachd air fàs gu mòr mar spòrs air feadh Alba, agus nach fhaighear nas fheàrr son slighean baidhsagail na air a' Ghàidhealtachd.

"Bidh Slighe a' Ghlinne Mhòir na buannachd leis gun toir e luchd-baidhsagail far an A82 - rathad a tha gu math trang agus cunnartach - agus bheir e buannachdan do na gnìomhachasan a tha faisg air an t-slighe cuideachd, le barrachd luchd-tadhail gan cleachdadh".

Thòisich an obair air an t-slighe san t-Sultain 2014 le R J MacLeòid.