Ospadal ùr a' Ghearasdain ceum nas fhaisge
- Air fhoillseachadh

Chuir muinntir Loch Abair fàilte air an naidheachd gu bheil ospadal ùr dhan sgire ceum nas fhaisge.
Dh'innis Comhairle na Gàidhealtachd gun do cheannaich iad làrach air a' Bhlàr Mhòr airson am pròiseact a thoirt air adhart.
Cheannaich iad an làrach far an robh a' chompanaidh Tesco am beachd bùth mhòr a thogail air prìs £2m.
"Uell tha làn-thìde rudeigin a dhèanamh mu dheidhinn an àite sin," thuirt Calum Mac a' Ghobhainn a tha a' fuireach sa Ghearasdan.
"Is gu deimhinn 's e naidheachd mhath a th' ann gu bheil rudeigin a' dol ga dhèanamh tha mi an dòchas.
"'S e deagh àite a th' ann. Chaidh an talamh a chlìrigeadh nuair a cheannaich Tesco e.
"Dh'fhàg iad mar sin e, 's chan eil càil a-nis air a bhith timcheall air.
"Tha tòrr rùm ann airson ospadal a thogail - agus airson rudan eile a thogail cuideachd.
"Tha ionad slàinte ùr air a thogail dìreach air taobh eile an rathaid bhuaithe. Àite math dha-rìribh a th' ann," thuirt e.
Thathas an dùil taighean is flataichean a thogail air làrach Ospadal a' Bhelford a th' ann an-dràsta nuair a thèid sin a leagail.