Deasbad air cumhachdan nan Eilean

Tràigh

Bidh deasbad aig Holyrood feasgar mu chumhachdan a bharrachd do dh'eileanan na h-Alba.

Tha seo a' tighinn às dèidh dhan Riaghaltas co-chomhairle air Bile nan Eilean fhoillseachadh an t-seachdain seo chaidh.

Thuirt Ministear Eileanan na h-Alba, Derek MacAoidh, gun èist iad ri beachdan an t-sluaigh, 's e a' bruidhinn ann an Steòrnabhagh.

"'S e seo toiseach-tòiseachaidh na h-eacarsaid-èisteachd sin, a thaobh na dh'fhaodadh a bhith ann am Bile nan Eilean," thuirt Mgr MacAoidh.

"Cuiridh sinn ceistean air ùghdarrasan ionadail agus eile a thaobh dè na cumhachdan a dhèanadh diofar.

"Tha sin a' leantainn air a' chlàr-ghnothaich chumhachdachaidh againn, far an do chumhachdaich sinn buidhnean coimhearsnachd agus daoine ionadail cuideachd tro Achd Cumhachdachaidh nan Coimhearsnachdan.

"Ach cuiridh sinn ceistean cuideachd a thaobh dè na cumhachdan a dh'fhaodadh a bhith air an toirt seachad bho Phàrlamaid na h-Alba do dh'ùghdarrasan ionadail, a dh'fhaodadh cuideachadh ann a bhith a' dèanamh diofair.

"Saoilidh mi gu bheil sin ceart. Gun èist sinn ri daoine a thaobh na tha ag obrachadh gu math sna h-Eileanan, 's dè a bharrachd a dh'fhaodadh sinn a dhèanamh," thuirt e.

Tha an Riaghaltas cuideachd air cuid de na beachdan aca fhèin a chur air adhart.

Nam measg, tha an Riaghaltas a' moladh gum bi dleastanas air riaghaltasan anns an àm ri teachd, air a bheil iad a' cur "Island Proofing", fo am feum an Riaghaltas beachdachadh air a' bhuaidh a dh'fhaodadh a bhith aig poileasaidh sam bith air coimhearsnachdan eileanach ann an Alba.

Thathas cuideachd a' moladh gum biodh plana nàiseanta ann airson eileanan na h-Alba, fo am biodh aig an Riaghaltas ri plana a chur air dòigh airson na h-Eileanan a thoirt air adhart.

Tha iad cuideachd a' moladh gum biodh dìon sònraichte air sgìre phàrlamaid nan Eilean Siar - rud a tha stèidhichte ann an reachdas na Pàrlamaid mar thà airson Arcaibh is Sealtainn - gus nach bi na h-eileanan air an cur an lùib sgìre eile.

Tha a' cho-chomhairle air a' Bhile fosgailte gu 23mh an Dùbhlachd.