Stiùidio
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

6 An Dàmhair 2015 Ùraichte aig Ùraichte aig

In-imreachd

Thuirt Cùirt Cheartais na h-Eòrpa gu bheil cead aig Riaghaltas na Rìoghachd Aonaichte tuilleadh smachd a chur air imrich às an Aonadh Eòrpach a tha a' sireadh cuid de shochairean. Chan e co-dhùnadh deireannach a tha seo, ach mar as trice thèid gabhail ri molaidhean na Cùirte. An-diugh fhathast tha dùil gun can Rùnaire na Dùthcha, Theresa May, aig co-labhairt nan Tòraidhean ann am Manchester, gu bheil cunnart ann an in-imreachd gun smachd. Tha ise a' dol a ràdh gu bheil sin a' cur cuideam air seirbheisean poblach agus a' cumail cuid de dhaoine a-mach à cosnadh.

Bhòtadh Phrìosanach

Tha a h-uile dùil, an dèidh riaghladh bho Chùirt Cheartais na h-Eòrpa gun lean casg bhòtaidh air prìosanaich anns an Rìoghachd Aonaichte. Thog fear a chaidh a dhiteadh airson muirt anns an Fhraing tagradh an aghaidh casg airsan bho bhòtadh ann an taghaidhean Pàrlamaid na h-Eòrpa. Thuirt Cùirt a' Cheartais gu bheil an casg cothromach a rèir na h-eucorra.

Cìs a' Chosnaidh

Thuirt Rùnaire na h-Alba, Dàibhidh Mundell, gum bu chòir gum faigh Riaghaltas na h-Alba smachd air a' chìs chosnaidh ann an 2017 - 18 mìosan nas tràithe na bha dùil. Thuirt Mgr Mundell gu bheil Riaghaltas na Rìoghachd Aonaichte ag iarraidh na cumhachdan ùra sin a th' ann am Bile na h-Alba a chur an sàs cho luath 's a ghabhas.

Cumhachdan nan Eilean

Bidh deasbad aig Holyrood feasgar air tuilleadh chumhachdan do dh'Eileanan na h-Alba, an dèidh dhan Riaghaltas co-chomhairleachadh fhoillseachadh an t-seachdain seo chaidh ann am Bile nan Eilean. Tha seo a' tighinn an dèidh iomairt fhada a rinn Comhairle nan Eilean Siar agus comhairlean Arcaibh agus Sealtainn airson tuilleadh smachd air an cùisean fhèin.

Michelle NicThòmais

Thèid Morair-Tagraidh na h-Alba a cheasnachadh ann am Pàrlamaid na h-Alba feasgar mu chùis-lagha an aghaidh an fhir-lagha a chaill a dhreuchd co-cheangailte ri cùisean gnothachais a' Bhuill-Phàrlamaid Michelle NicThòmais. Tha na Làbaraich a' faighneachd cuin a thàinig e gu aire a' Mhorair-Thagraidh an toiseach gun robh casaidean foille co-cheangailte ri morgaids an aghaidh an fhir-lagha sin, Christopher Hales. Bha Mgr Hales ag obair os leth Michelle NicThòmais mus deach a taghadh mar Bhall-Pàrlamaid. Chuir ise bhuaipe cuip an SNP, 's tha i a' dol às àicheadh gun do rinn i dad ceàrr.

An Gearasdan

Tha dòchas ann an Loch Abair gu bheil ospadal ùr dhan sgìre ceum nas fhaisge, an dèidh do Chomhairle na Gàidhealtachd làrach air a' Bhlàr Mhòr a cheannach mu choinneimh sin. Thug a' Chomhairle £2m air an làrach air an robh Tesco aig aon àm am beachd bùth mhòr a thogail.