Sùilebheinn air geàrr-liosta Eòrpaich

Sùilebheinn Image copyright Clive Giddis/Geograph

'S e pròiseact gus ceuman coise air tè de na beanntan as aithnichte air Ghàidhealtachd an aon phròiseact ann am Breatainn a chaidh a chur air geàrr-liosta airson duais Eòrpaich.

Tha Urras Iain Mhuir an dòchas £18,000 a thional gus an obair air Sùilebheinn ann an Asainnte a chrìochnachadh.

Chuir Comann Eòrpach a' Ghlèidhteachais air a' Bhlàr a-Muigh am pròiseact air a' gheàrr-liosta aca airson roinn nam beann den fharpais.

Tha ceithir pròiseactan eile, anns an Eadailt, san Spàinn, san Fhraing, agus ann an Ruanda, a' farpais riutha.

Aig 2,398tr de dh'àirde (731m) tha Sùilebheinn air a clàradh mar Ghreumach - beanntan nas àirde na 2,000 troigh, ach goirid air ìnbhe Rothaich.