Faraidhean adhair Eileanach gan gearradh

Itealan

Bho Là na Bliadhna Ùire, bidh faraidhean adhair do dhaoine a tha a' fuireach ann an eileanan agus ann an sgìrean dùthchail air an gearradh 50%.

Dh'innis Ministear na Còmhdhail 's nan Eilean aig Riaghaltas na h-Alba, Derek MacAoidh, gun tèid sgeama lasachaidh air faraidhean adhair a leudachadh.

Tha an sgeama an-dràsta a' gearradh 40% far phrìsean.

'S ann air cuid de shlighean a tha an lasachadh ri fhaotainn, do dhaoine a tha a' fuireach ann an Gallaibh, Dùthaich MhicAoidh, Colbhasa, Ìle, Diùra, agus anns na h-Eileanan an Iar 's mu Thuath.

Dh'ainmich Mgr MacAoidh cuideachd gun tèid faraidhean aiseig a tha a' faighinn subsadaidh bho Riaghaltas na h-Alba a reothadh airson an dà bhliadhna ri teachd.

Dh'ainmich an Riaghaltas anns a' Ghearran gun deadh Sgeama Lasachaidh nam Faraidhean Adhair a shìneadh ceithir bliadhna eile.

Am measg nan slighean a tha an sàs, tha feadhainn a tha a' cleachdadh phort-adhair Inbhir Nis, Obar Dheathain, Glasachu, Dùn Èideann, agus cuideachd Bergen ann an Nirribhidh.

'S ann sna h-Eileanan an Iar as motha a tha iarrtas air an sgeama, far a bheil 21,594 duine air an clàradh air a shon, le 18,318 ann an Sealtainn, agus 16,771 ann an Arcaibh, a rèir fhigearan a chaidh fhoillseachadh sa Ghearran.

Uile gu lèir bidh còrr is 71,900 duine a' cleachdadh na sgeama.