"Misneachd" mu shuidheachadh ionmhais NHS na Gàidhealtachd

Thuirt Stiùiriche Ionmhais NHS na Gàidhealtachd, Nick Kenton, gu bheil e "gu math misneachail" gum faigh am bòrd air na leabhraichean aca a chothromachadh.

Chaidh rabhadh a thoirt dhan bhòrd Dimàirt gun do dh'fhàs an suidheachadh ionmhais aca na bu mhiosa bho chionn ghoirid, agus gum faodadh iad a dhol £5m thairis air a' bhuidseat aca ro dheireadh na bliadhna.

Bha am bòrd slàinte feumach air cobhair bhon Riaghaltas anns a' Mhàrt 2014.

Thuirt Mgr Kenton gu bheil iad ag obair gu cruaidh a' feuchainn ri sàbhalaidhean a lorg, agus gu bheil iad air plana a chur air adhart.

Bha e ag ràdh gun deach iad còrr air £3m thar a' bhuidseit eadar an Giblean agus an Lùnastal.

Thuirt e: "Feumaidh sinn dèanamh cinnteach nach lean sin".