Fàilte air faochadh faraidhean

  • Air fhoillseachadh
Plèana

Chuir Comhairle nan Eilean Siar fàilte air an naidheachd bho Riaghaltas na h-Alba gun tèid sgeama ADS a leudachadh.

Bidh faraidhean adhair do dhaoine a tha a' fuireach ann an eileanan agus ann an cuid de sgìrean dùthchail air an gearradh 50% a-nise, leudachadh air an 40% mar a tha an-dràsta.

Thàinig an naidheachd bho Mhinistear na Còmhdail is nan Eilean, Derek MacAoidh, ann an deasbad sa Phàrlamaid Dimàirt mu Bhile nan Eilean.

Dh'innis am ministear cuideachd gun tèid faraidhean aiseig a chumail aig an ìre aig a bheil iad airson bliadhna.

'S fhada bho thòisich Comhairle nan Eilean Siar ag iomairt 'son leudachadh air ADS, is rinn Cathraiche Comataidh Còmhdhail na Comhairle Iain MacAoidh, toileachas ris an naidheachd.

"Gàirdeachas"

"Tha mise a' smaoineachadh gum bu chòir dhuinn a bhith a' dèanamh gàirdeachas air na thàinig bhon mhinistear", thuirt Mgr MacAoidh.

"Tha mise uabhasach pròiseil às gun do rinn e seo, gun do sheall e gur e Ministear nan Eilean a th' ann. Feumaidh sinn a bhith a' toirt moladh dha nuair a tha e airidh air", thuirt e.

Gheall e ge-tà, gun lean iomairt na Comhairle gus ADS a leudachadh gu luchd-gnothaich.

"Tha sinne a' miannachadh gun tèid an ADS a chur a-mach gu gnìomhachas agus bhiodh sinn an dòchas gun tachair sin ann an ùine nach bi ro fhada.

"Tha iad (an Riaghaltas) a' faighinn na h-argamaid, tha sinn ga cur tarsainn dhaibh, agus tha sinn an dòchas gun toir iad fa-near. Dhèanadh e feum dhan eaconamaidh anns na h-eileanan seo nan tachradh sin", thuirt e.

Gearainnean

Thog Mgr MacAoidh cuideachd ceist air na seirbheisean adhair aig Loganair is gearainnean gu leòr ann gu bheil pleanaichean tric air dheireadh.

Thuirt e gu bheil Comhairle nan Eilean Siar air coinneachadh ri Loganair is gu bheil a' chompanaidh a' sgrùdadh a' ghnothaich.

Chaidh an cuspair a thogail cuideachd aig Holyrood san deasbad Dimàirt is ball Arcaibh, Liam MacArtair, ag ràdh gur suarach cho math 's a tha seirbheis Loganair dha na h-Eileanan mu Thuath cuideachd.

Thuirt Derek MacAoidh gu bheil còmhraidhean a' leantainn le Loganair is gu bheil plana aig a' chompanaidh gus na pleanaichean a leasachadh.

Thuirt am ministear gur e sàbhailteachd an rud as cudromaiche, ach gu bheil e an airson is gun tig piseach air seirbheisean.

Ceanglaichean Eadar-lìn Dàimheil

Chan eil am BBC an urra ri na tha air Làraichean-lìn air an taobh a-muigh