Atharrachadh poileataigeach ga mholadh

Drochaid an Eilein Sgitheanaich

Nochd moladh bho bhall na sgìre sa Phàrlamaid Albannaich, Dàibhidh MacThòmais, gum biodh ùghdarras ionadail ùr fa leth ann dhan Eilean Sgitheanach, Loch Aillse agus Loch Abair.

Tha Riaghaltas na h-Alba an-dràsta a' faotainn bheachdan dhaoine air Bile nan Eilean.

Tha iad a' moladh gum bi guth nas làidire aig muinntir nan eilean nuair a thèid pròiseactan nàiseanta a chur air bhonn.

A' bruidhinn anns a' Pharlamaid, thuirt Mgr MacThòmais gum bu chòir crìochan na sgìre pàrlamaid atharrachadh agus ùghdarras ionadail fa leth a stèidheachadh dhan sgìre cuideachd.

Tha e a' moladh sgìre pharlamaid dhan Eilean Sgitheanach, Loch Aillse agus Loch Abair.

"Tha timcheall air 27,000 duine a' fuireach san Eilean Sgitheanach, Loch Aillse agus Loch Abair, an taca ri 22,000 anns na h-Eileanan an Iar, 18,000 an Sealtainn is 17,000 an Arcaibh", thuirt Mgr MacThòmais.

"Tha coimhearsnachdan iomallach - eileanach agus air Tìr-Mòr - san Eilean Sgitheanach, Loch Aillse agus Loch Abair, agus tha na dearbh thrioblaidean a' bualadh orra sa tha air na ùghdarrasan eileanach.

"Tha na rathaidean truagh, na seirbheisean conaltraidh uabhasach is chan eil seirbheisean-adhair ann.

"Tha mi an dòchas gum beachdaich am ministear air mo phlana, is iarraidh mi coinneamh leis gun an gnothach a ghluasad air adhart", thuirt e.

Tha Ball-Pàrlamaid na sgìre ann an Westminster, Iain Blackford, air taic a chur ri moladh Mhgr MhicThòmais.