"Sgaradh eadar eileanan"

  • Air fhoillseachadh
Rathad ann an RatharsairTùs an deilbh, John Allan/Geograph
Fo-thiotal an deilbh,
Tha rudan leithid rathaidean ann an cuid de dh'eileanan, leithid Ratharsair, ann an droch staid.

Tha dragh air fear de chomhairlichean an Eilein Sgitheanaich gun tèid an t-eilean agus na h-eileanan beaga mu chuairt fhàgail air dheireadh agus Riaghaltas na h-Alba, na bheachdsan, a' dèanamh sgaradh eadar eileanan.

Bha an Comh. Hamish Friseal a' bruidhinn agus an Riaghaltas a' gabhail bheachdan an-dràsta air Bile nan Eilean a bheireadh tuilleadh chumhachdan do sgìrean eileanach.

Thàinig an gnothach am bàrr às dèidh na h-iomairt 'Ar n-Eileanan Ri Teachd' aig Comhairle nan Eilean Siar agus comhairlean Arcaibh is Sealtainn.

Tha dragh air a' Chomh. Friseal gur iad na h-eileanan sin a gheibh a' bhuannachd as motha às seach eileanan eile.

"'S e rud math a th' ann gu bheil iad a' coimhead air sin 's gu bheil seo a' dol air adhart, 's gu bheil na h-Eileanan Siar a' faighinn an dìon a tha seo," thuirt e.

"Ach cha chreid mi nach eil àiteachan eile ann a tha feumach air dìon cuideachd. Eileanan eile agus pàirtean den Ghàidhealtachd.

Air Dheireadh

"Cha chreid mi nach eil feum aig na h-eileanan againn fhìn - an t-Eilean Sgitheanach agus na h-eileanan shìos mu dheas - air beagan dìon cuideachd timcheall air gu bheil iad gu math cugallach ann an dòighean.

"Gu h-àraid ma tha iad a' coimhead airson gnìomhachas a bhith a' dol air adhart annta.

"Ged a tha sinn gu math trang le turasachd anns an eilean a tha seo, tha na h-aon duilgheadasan againn ann an seo 's a th' aig eileanan eile.

"Mar sin tha còir aca a bhith a' coimhead air na tha a' tachairt anns an eilean a tha seo, agus air Tìr Mòr ri taobh an Eilein Sgitheanaich agus sìos an costa a tha sin air fad.

"Tha Bile nan Eilean a' gabhail a-steach nan eileanan gu lèir, ach chan eil fhios agam carson a tha iad a' cur eadar-dhealachadh eadar aon shreath de dh'eileanan agus eileanan eile.

"Carson nach eil iad a' coimhead air na h-eileanan anns an fharsainneachd uile gu lèir?

"Thèid an t-Eilean Sgitheanach fhàgail air dheireadh, chanainnsa, o chionn tha còir aca a bhith a' toirt sùil gu math mionaideach air dè tha a' dol air adhart an seo an-dràsta timcheall air eileanan.

Ratharsair

"Chan e dìreach an t-Eilean Sgitheanach a th' ann. Tha eileanan eile againne ann an seo a tha gu math cudromach dhuinn, mar Eilean Ratharsair.

"Tha e cudromach dha na daoine an sin gu bheil dìon air na seirbheisean a tha iadsan a' faighinn.

"Chan eil iad a' coimhead domhainn gu leòr air dè tha dol timcheall air na h-eileanan.

"Ged a dh'fhàgadh iad an t-Eilean Sgitheanach fhèin a-mach às, tha Eilean Ratharsair ann, agus chan eil ann ach aiseag dha ionnsaigh.

"Agus an aiseag a tha sin, chan eil i cho freagarrach 's is còir dhi a bhith, agus tha draghan aca a thaobh slàinte is a h-uile càil eile anns an eilean a tha sin.

"Ma tha iad airson dìon a chur air rudan eileanach, tha còir aca an casan a chur a-steach ann an Eilean Ratharsair agus sùil a thoirt air na duilgheadasan mòra a th' aca an sin," thuirt e.

Chuir Mgr Friseal an aghaidh moladh bhon BPA Dàibhidh MacThòmais ge-tà, gus ùghdarras ionadail agus sgìre phàrlamaid fa leth a chruthachadh dhan Eilean Sgitheanach, Loch Aillse agus Loch Abair.