MG ALBA ag iarraidh barrachd on BhBC

MG ALBA
Image caption Bha MG ALBA a' freagairt co-chomhairle air an ath-Chàirt Rìoghail a bhios aig a' BhBC, a tha a' tighinn gu crìch Diardaoin na seachdain seo.

Bu chòir gealltanas air prògraman ùra aig àrd-ìre air BBC ALBA a bhith na phàirt den ath-Chàirt Rìoghail aig a' BhBC.

Sin a rèir MG Alba, a tha a' ruith BBC ALBA ann an co-bhann ris a' BhBC, san fhreagairt aca air a' cho-chomhairle aig Riaghaltas Westminster air a' Chàirt Rìoghail - a tha a' tighinn gu crìch Diardaoin na seachdain seo.

Mar phàirt den ghealltanas, dh'iarradh MG Alba deich uairean de thìde de phrògraman ùra son BBC ALBA bhon BhBC gach seachdain.

"'S e a tha sinn ag iarraidh às a' Chàirt Rìoghail, 's e gu bheil co-ionnanachd againn ri S4C anns a' Chuimrigh," thuirt Cathraiche MG Alba, Magaidh Choinneagan.

Maoin

"O thòisich S4C o chionn còrr air fichead bliadhna, tha am BBC air a bhith a' toirt deich uairean de thìde san t-seachdain dhaibhsan.

"Nise an ceartuair, tha sinne a' faighinn mu cheithir uairean de thìde gu leth bhon BhBC.

"Tha sinne ag iarraidh gun tèid sin suas gu deich uairean de thìde, oir tha uireasbhaidhean mòra air an t-seirbheis an ceartuair.

"Chan eil naidheachdan againn air an deireadh-sheachdain. Chan eil comas againn, no maoin againn prògraman sònraichte a dhèanamh do choinn no do dh'òigridh.

"Agus cuideachd tha dìth dibhearsain is comadaidh aig ìre chothromach oirnn.

"Mar sin tha sinn ag iarraidh gum bi co-ionnanachd againn, agus cuideachd feumar gabhail ris nach urrainn dhut sianal a ruith le mu uair de thìde no uair de thìde gu leth de phrògraman ùra gach oidhhche.

"Tha daoine a' gabhail ris gum feumar co-dhiù trì uairean de thìde gach feasgar, no gach là a bhith agad airson sianail a tha cothromach a thaobh seirbheis phoblach a lìbhrigeadh.

"Tha còir aig na Gàidheil seirbheis phoblach a bhith aca nan cànan fhèin - an aon rud 's a th' aig a' chòrr den dùthaich.

"Chan eil sinn ag iarraidh co-ionnanachd gu h-iomlan ri S4C, oir tha e a-nise mar uallach air a' BhBC a bhith a' maoineachadh S4C, agus tha gu math a bharrachd maoin acasan 's a bhios aganine.

"'S e tha sinn ag iarraidh ach co-ionnanachd le S4C anns an dòigh anns a bheil prògraman a tha am BBC fhèin a' dèanamh dhaibh.

"Tha còrr is £70m aig S4C. Chan eil sinne faisg air sin, agus chan e sin a tha sinne ag iarraidh.

Lunnainn

"Ach gu bheil barrachd uallaich a' dol air a' BhBC a thaobh na co-bhanntachd - oir 's e co-bhanntachd a th' ann, agus an ceartuair tha sinne a' smaoineachadh gu bheil e cothromach gun cuir am BBC barrachd maoin ris an t-seirbheis na tha iad air a chur thuige seo.

"Oir chan eil teagamh nach eil an t-seirbheis air a bhith soirbheachail. Ma choimheadas tu air tòrr den stuth a tha am BBC a' cur a-mach an ceartuair airson na Càirt Rìoghail, tha iad daonnan a' bruidhinn air a' cho-bhanntachd a tha seo a th' air BBC ALBA a chruthachadh, agus cho soirbheachail 's a tha i air a bhith.

"Mar sin dheth, tha sinne a' smaoineachadh gum bu chòir na Gàidheil agus a' Ghàidhlig duais fhaighinn airson an t-soirbheachais a tha sin.

"Chan eil mise idir a' dol às àicheadh nach eil teannachadh air maoin a' BhBC.

"Ach nuair a choimheadas tu air na tha de sheirbheisean aig a' BhBC, chan eil mi a' smaoineachadh gu bheil iad a' toirt mòran a bharrachd air 2% air prògraman Gàidhlig an ceartuair.

"Mar sin chan eil e a' dol a thoirt buaidh mhòir air airgead a' BhBC.

"Tha e cuideachd cudromach gun tig an t-airgead a tha seo à sporran a' BhBC ann an Lunnainn, o chionn tha daoine a' faicinn, agus tha mise gu math mothachail gu bheil uireasbhaidh air an t-seirbheis a tha am BBC a' toirt do dh'Alba co-dhiù.

"Agus mar sin feumar an dà rud a dhèanamh aig an aon àm. Chan eil sinne ag iarraidh gun tig an t-airgead seo à sporran BhBC Scotland mar gum biodh.

"Tha sinne ag iarraidh gun tèid gabhail ris, gu corporra, ann an Lunnainn gum feum am BBC barrachd maoin a chur ri BBC ALBA, oir tha sinn air sealltainn gu bheil an t-seirbheis air a bhith soirbheachail, ach tha e a' dol a thighinn gu àm far a bheil daoine gu bhith seachd searbh de phrògraman fhaicinn a-rithist 's a-rithist 's a-rithist," thuirt i.

Tuilleadh air an sgeulachd seo