Dàibhearan poilis an sàs an Gleann Comhann

Chaidh dàibhearan poilis an sàs ann an iomairt airson lorg fhaighinn air duine a tha a dhìth an dèidh dha a dhol a choiseachd nam beann ann an Gleann Comhann.

Chan fhacas Robin Garton, 69, à Wiltshire, bho 25mh an t-Sultain, nuair a dh'fhàg e taigh-òsta san sgìre, ris an canar Taigh an Rìgh.

Chaidh fios a chur air na h-ùghdarrasan an dèidh mar nach do nochd e a choinneachadh ri caraidean air Taobh Siar Rois.

Lorgadh an càr aige air a pharcadh faisg air an A82, agus tha na Poilis an dùil gun deach e air chuairt faisg air an Aonach Eagach.

Thathas a' tuigsinn gu bheil Mgr Garton gu math cleachdte ris na beanntan.

Tha iomairt teasairginn mhòr air a bhith a' dol san sgìre, le còrr air 50 duine bho sgiobannan teasairginn an sàs air an deireadh-sheachdain seo chaidh.

Rinn dàibhearan sgrùdadh air earrainn de dh'Abhainn Chomhann Dimàirt.

Tha Mgr Garton 6'2", 's e meadhanach caol, le gruaig bhàin a tha a beagan tana, agus bidh speuclairean air uaireannan.