Comhairliche ùr dhan Taobh Siar is Nis

Chaidh John Norman MacLeòid à Barabhas a thaghadh mar chomhairliche dha sgìre An Taobh Siar agus Nis air Comhairle nan Eilean Siar.

Bha triùr a' seasamh san taghadh is Mgr MacLeòid a' farpais ri Gavin Humphreys is Richard Froggatt.

Fhuair Mgr MacLeòid 886 bhòt, pìos math air thoiseach air Mgr Froggatt (75) is Mgr Humphreys (59).

Bha an dreuchd air fhàgail bàn le bàs Iain Mhoireasdain.