Mì-chinnt mu thubaist Steòrnabhaigh

Pleana aig Port-adhair Steòrnabhaigh

Fhuair Buidheann Rannsachaidh nan Tubaistean Adhair gur docha gur e gluasad aithghearr na gaoithe a bu choireach ri tubaist le pleana aig Port-adhair Steòrnabhaigh aig toiseach na bliadhna, ged nach tàinig an aithisg gu co-dhùnadh cinnteach.

Thuirt luchd-rannsachaidh gun deach innealan-clàraidh a' phleana a mhilleadh san tubaist, is mar sin nach urrainn dhaibh a bhith cinnteach dè thachair

Thachair an tubaist air an 2mh den Fhaoilleach is pleana Loganair Saab 340 a' fàgail Steòrnabhaigh gus siubhail a Ghlaschu.

Bha am pleana air 90 msu a ruighinn nuair a ghluais e dhan làimh chlì gu h-obann.

Dh'fhàg am pleana an raon-laighe is shiubhail e mu 250 meatair air pìos feòir.

Gaoth làidir

Dh'innis an aithisg aig Buidheann Rannsachaidh nan Tubaistean Adhair gun robh gaoth làidir ann is am pleana a' fàgail Steòrnabhaigh.

Thuirt iad gur dòcha gun do shochraich a' ghaoth gu h-obann is gur e sin a chuir am pleana far an raon-laighe, ged a tha iad ag ràdh nach eil dòigh aca air sin a dhearbhadh.

Fhuair a' bhuidheann rannsachaidh cuideachd gur dòcha gum b'urrainn dha na phìleatan a bhith air stiùir earbaill an itealain a chleachdadh ann an dòigh eile gus am pleana a chumail air a shlighe.

Nochd an aithisg cuideachd gun do dh'fhosgail neach-siubhail doras èiginn a' phleana às dèidh na tubaist ged a chaidh iarraidh air daoine fuireach nan suidhe is fear de na propeilearan fhathast a' dol.

Chaidh dithis a thoirt dhan ospadal às dèidh na tubaist ach cha deach duine a ghoirteachadh gu dona.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile