Dragh mu riaghailt ùr Chal Mac

Loch Seaforth

Chaidh draghan a thogail mu riaghailt ùr a tha a' fàgail gum feum dràibhearan a tha a' dol air an aiseig eadar Steòrnabhagh is Ulapul a bhith aig a' chidhe uair a thìde mus seòl am bata.

Ron seo, bha aig muinntir nan càraichean a bhith ann 45 mionaidean mus falbhadh an aiseag airson clàradh a dhèanamh.

Ged nach eil ann ach diofar de chairteal na h-uaireach, tha dragh air cuid gum bi buaidh mhòr orra.

Tha iad ag ràdh gu bheil an ùine a bharrachd a' dol a chur maill orra, is gun cuireadh e às dhan bhuannachd a th' ann leis a' bhàta ur an Loch Seaforth, a tha nas luaithe na am bàta a bh' ann, an Isle of Lewis.

"Uamhasach gòrach"

"Tha mi a' smaoineachadh gur e rud uamhasach gòrach a tha seo", thuirt Dòmhnall MacSuain, a bhios tric air an aiseig.

"Tha sinn dìreach air bàt-aiseig ùr fhaighinn agus tha sinn air a bhith a' cluinntinn gu bheil i nas luaithe na an Isle of Lewis, agus a-nise tha iad ag atharrachadh cùisean gum feum thu a bhith ann cairteal na h-uaireach nas traithe is mar sin, tha sinn a' call buannachd sam bith a fhuair sinn bho bhàt-aiseig nas luaithe", thuirt e.

Thuirt Mgr MacSuain gun toir an gnothach buaidh gu sònraichte air daoine a tha a' siubhail à sgìrean eile den eilean 'son a dhol air an aiseig.

"Daoine à can Nis, no Ùig no na Hearadh, tha seo a' ciallachadh gum feum iad an taigh fhàigail cairteal na h-uaireach nas traithe. Ma tha am bàt-aiseig a' fàgail aig 7 sa mhadainn, tha sin a' ciallachadh gum feumainn-sa an taigh fhàgail timcheall air 5.20. Tha sin ceart gu leòr ann am meadhan an t-samhraidh, ach ann am meadhan a' gheamhraidh dh'fheumadh tu 's dòcha a bhith uair a thìde nas traithe agus an taigh fhàgail aig 5 sa mhadainn.

"Nas fhaide is nas fhaide"

"Tha a h-uile mionaid a tha sin a' ciallachadh gu bheil an ùine a tha thu gu bhith a' siubhail nas fhaide is nas fhaide", thuirt e.

Thuirt Caledonian Mac a' Bhriuthainn gun tàinig iad dhan cho-dhùnadh còmhla ri Ùghdarras Caladh Ulapul agus Bear Scotland, air a bheil uallach airson an rathaid eadar Ulapul agus Inbhir Nis.

Thuirt iad gun robh dragh air nochdadh gun robh an rathad tro bhaile Ulapul fhèin ro thrang le càraichean a' tighinn far a' bhàta agus càraichean a' feitheamh airson clàradh airson an aiseig.

Ghabh Mgr MacSuain ris gu bheil an rathad nas traithe bho thòisich am bàta ùr, ach thuirt e gun robh còir aig na h-ùghdarrasan a bhith air plana a chur air dòigh ro làimh airson dèiligeadh ri sin.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile