Cùis nan solas ga tilgeil a-mach

Loch Baghasdal Image copyright Undiscovered Scotland
Image caption Loch Baghasdail.

Dh'fhàillich le cùis-lagha a thog fear às Uibhist Deas an aghaidh Comhairle nan Eilean Siar a thaobh am poileasaidh air solais sràide.

Dh'atharraich a' Chomhairle am poileasaidh roimhe gus cuid de na solais sràide a chur dheth airson airgead a shàbhaladh.

Bha Mìcheal Dòmhnallach, 30, air an Ùghdarras a thoirt gu lagh às dèidh dha adhbrann a bhristeadh is e a' coiseachd san dorchadas ann an Loch Baghasdail ann an uairean beaga na maidne air an 27mh den t-Samhainn, 2011.

Dh'innis Mgr Dòmhnallach gun robh e glè chinnteach nach biodh e air tuiteam nam biodh na solais sràid air.

Thuirt e nach tug Comhairle nan Eilean Siar rabhadh seachad gun robh am poileasaidh ag atharrachadh, is nam biodh fios aige ro-làimhe, gum biodh e air toirds a thoirt còmhla ris.

Dh'iarr e £20,000 ann an airgead-dìolaidh.

Fhuair am britheamh, am Morair Matthew, ge-tà, nach robh luchd-lagha Mhgr Dhòmhnallaich air a' chùis aca a dhearbhadh, is chaidh a tilgeil às.

Feumaidh Mgr Dòmhnallach cuideachd cosgaisean lagha na Comhairle a phàigheadh.