Am Mòd a' tòiseachadh san Òban

  • Air fhoillseachadh
An t-ÒbanTùs an deilbh, Chris N Illingworth/Geograph

Thèid Mòd Nàiseanta Rìoghail na bliadhna seo fhosgladh gu h-oifigeil oidhche Haoine anns an Òban.

Bidh caismeachd lòchranach tro mheadhan a' bhaile ron chuirm fhosglaidh.

"Tha sinn air a bhith trang dha-rìribh, agus 's e là làn toileachais agus dòchais a th' ann an Dihaoine fosglaidh a' Mhòid gach bliadhna," thuirt Àrd-Oifigear a' Chomuinn Ghàidhealaich, Iain Moireasdan.

"Bidh sluagh mòr còmhla rinn a-nochd anns an Òban.

"Feasgar an-diugh, thèid Tosgaire na Gàidhlig ainmeachadh. Tha sinn a' dèanamh sin còmhla ri Riaghaltas na h-Alba gach bliadhna.

"Aig an fhosgladh a-nochd bidh Karen NicMhathain agus Dòmhnall Seathach a' tilleadh dhan Òban, agus thèid am fosgladh fhèin a dhèanamh le Modaràtair Eaglais na h-Alba - agus tha sinn uabhasach toilichte gu bheil Gàidhlig fhileanta aigesan, agus gum fosgail e am Mòd dhuinn an-diugh," thuirt e.