Gearain a' Chomuinn air Alba Chruthachail
- Air fhoillseachadh

Rinn an Comann Gàidhealach càineadh air a' bhuidhinn Alba Chruthachail, an dèidh dhan bhuidhinn taic-airgid a dhiùltadh airson tachartasan air iomall a' Mhòid Nàiseanta Rìoghail.
Bithidh na h-uimhir de rudan a' dol air iomall a' Mhòid am-bliadhna, ged a tha coltas ann gum bi an iomall beagan nas lugha na bha rona seo.
Ann am fianais a thug Àrd-Oifigear a' Chomuinn, Iain Moireasdan, mu Alba Chruthachail do Phàrlamaid na h-Alba, thuirt e gur e glè bheag de cheanagal a th' aca ris na h-ealain Ghàidhlig.
"Tha sinne den bheachd gu bheil uallach air Alba Chruthachail a bhith a' toirt taic dha ealain traidiseanta na h-Alba, agus nam measg gum bu chòir dhaibh a bhith a' toirt taic làidir dha ealain Ghàidhlig leithid a' Mhòid Nàiseanta Rìoghail," thuirt Mgr Moireasdan.
Tachartas Soirbheachail
"Duine sam bith a bh' aig a' Mhòd Nàiseanta Rìoghail an Inbhir Nis an-uiridh, chunnaic iad na chaidh a dhèanamh aig iomall a' Mhòid.
"Bha timcheall air 100 tachartas aig an iomall.
"Nise bha sin air a mhaoineachadh, a' chuid mhòr dheth, tron bhuidhinn EventScotland agus a' Bhliadhna Tilleadh Dhachaigh.
"Chan eil sin againn am-bliadhna, agus chaidh sinn gu Alba Chruthachail a lorg taic airson an dearbh rud a dhèanamh a-rithist.
"Chaidh ar diùltadh trì turais.
"'S e briseadh dùil mòr a bha sin dhuinn, ach bha sinn mothachail aig an aon àm air na rudan a bha a' tachairt le leithid Pròiseact nan Ealain, agus leithid an HebCelt, a bha a' faighinn duilgheadasan mòra a' faighinn airgid tro Alba Chruthachail.
"Sin gu mòr na bh' air cùlaibh a' chàineadh a rinn mise air Alba Chruthachail aig Comataidh a' Chultair.
"'S e an argamaid mu dheireadh a chuir Alba Chruthachail rinn, 's e nach robh iad mar as trice a' toirt taic dha fèisean farpaiseach, agus air sgàth sin nach urrainn dhaibh taic a thoirt dhan Mhòd.
"Thuirt iad rinn cuideachd gun robh iad airson a bhith a' toirt taic dha buidhnean a bha a' cruthachadh tuarastail am measg nan ealan.
"Agus an rud mu dheireadh a thuirt iad anns a' mhìos mu dheireadh, 's e nach b' urrainn dhaibh taic a thoirt dha tachartas soirbheachail mar am Mòd Nàiseanta Rìoghail.
"Tha mise den bheachd gur e argamaid air leth gòrach a tha sin.
Fèin-aithne
"Ma tha iad a' dol a chleachdadh na h-argamaid sin mar ro-innleachd anns na bliadhnaichean a tha romhainn, tha seo thugainn.
"'Son tha Blas soirbheachail, tha Fèisean nan Gàidheal soirbheachail, tha Fèis Rois soirbheachail, agus tha an Lanntair soirbheachail.
"Tha a h-uile buidheann a tha sin a' faighinn taic bho Alba Chruthachail.
"So ma tha iad a' dol a chleachdadh an aon shlat-tòmhais 's a tha iad a' cleachdadh airson a' Mhòid Nàiseanta Rìoghail, tha seo dhan a h-uile tachartas eile a tha mi air ainmeachadh an siud," thuirt e.
Thuirt labhraich bho Alba Chruthachail gun robh a' bhuidheann ag aithneachadh àite agus cudromachd na Gàidhlig ann an saoghal na h-ealain an Alba.
"Tha Alba Chruthachail ag aithneachadh gu bheil a' Ghàidhlig na pàirt cudromach do dh'fhèin-aithne nàiseanta na h-Alba, agus de bheatha chultarail na h-Alba.
"Tha an taic a chuireas sinn ri cànan is cultar na Gàidhlig follaiseach anns a' mhaoineachadh a bheir sinn do leithid Fèisean nan Gàidheal, Comhairle nan Leabhraichean, Pròiseact nan Ealan, TRACS agus Fèis Rois - a tha iad fhèin a' toirt taic do chànan is cultar na Gàidhlig tro an cuid obrach.
"Tha sinn cuideachd a' toirt taic do thachartasan leithid Celtic Connections agus Heb Celt, a tha a' taisbeanadh na h-ealain Gàidhlig agus cultar na Gàidhlig.
"Tha cuideachd fàilte ro luchd-ealain fa-leth iarrtasan a chur a-steach thugainn fo Mhaoin Fhosgailte nam Pròiseactan aig àm sam bith.
"Bho thòisich Maoin Fhosgailte nam Pròiseactan san Damhair 2014 tha sinn air maoineachadh luach £1.4m a thoirt seachad do 156 duine, buidheann agus pròiseact a tha ag obair anns na h-ealain traidiseanta, gach cuid anns a' Ghàidhlig agus ann an Albais."