Gearain mu Oifis a' Phuist

Bùth Cheann a' Bhaigh Image copyright Dave Fergusson/Geograph
Image caption Tha Oifis a' Phuist Bùth Cheann a' Bhaigh ga ruith le Oifis a' Phuist ann am Baile a' Mhanaich.

Tha grunn ghearainnean air nochdadh mu sheirbheis Oifis a' Phuist ann an Ceann a' Bhàigh an Uibhist a Tuath.

Chan eil an oifis fosgailte ach sia uairean de thìde gach seachdain, agus bho chionn ghoirid tha làithean nach eil i air fosgladh idir, a' toirt air daoine siubhal gu Loch nam Madadh neo Baile a' Mhanaich.

A bharrachd air seo, tha dragh air cuid mar a tha seirbheisean eile a' crìonadh anns an sgìre, agus gum feum a' choimhearsnachd fhèin iomairt an aghaidh sin.

'S ann air taobh an iar an eilein a tha a' chuid as motha de mhuinntir Uibhist a Tuath a' fuireach.

Còmhdhail

Ach a dh'aindeoin sin chan eil ri fhaighinn ach sia uairean san t-seachdain, eadar dà là, de sheirbheis Oifis a' Phuist.

Chan eil na h-uairean sin fhèin air a bhith cunbhalach o chionn ghreis.

"Tha sgìre mhòr an seo, o dh'fhàgas tu an sgoil gun ruig thu a-null an cladach. Bha iad sin uile ag usaigeadh Oifis a' Phuist," thuirt Mòrag NicBheathain, a tha a' fuireach san sgìre, agus aig a bheil càr, leis am faod i falbh gu Oifis a' Phuist ann an Loch nam Madadh.

"Ach, feumaidh iad a-niste a dhol gu àiteigin eile mura bi i fosgailte.

"Dhùin i an uair sin, shad iad sìos e gu dà là. 'S chan eil e dà là fhèin, trì uairean, dà là san t-seachdain. Sin na tha sinne a' faighinn den shèirbheis.

"Nuair a bha mise òg bha Oifis a' Phuist fosgailte bho naoi gu sia agus dh'fhaodadh tu a dol ann uair sam bith.

"Ach, dh'fhalbh sin o chionn fhada," thuirt i.

Chan eil càr aig Mòrag Dhòmhnallach, às Baile Mhàrtainn, no aig a nàbaidh.

"'S e gum feum sinn tacsaidh fhaighinn, mi fhèin agus an tè a tha thall an ath-dhoras dhomh an seo. Feumaidh sinn sin fhaighinn a h-uile madainn Diluain sìos a Cheann a' Bhàigh.

"Uaireannan cha bhi fhios againn gun ruig sinn co-dhiù tha i gus a bhith fosgailte no nach eil.

"'S ma tha i dùinte feumaidh sinn a dhol gu Loch nam Madadh," thuirt i.

Tha Loch nam Madadh 13 mìle air falbh às Ceann a' Bhàigh, agus tha còmhdhail na trioblaid do gu leòr.

"Tha e mar gum biodh e a' fàs nas miosa mar a tha an ùine a' dol air adhart, agus tha e cosgaiseach do dhuine sam bith ma dh'fheumas iad tacsaidh fhaighinn a-mach a Loch nam Madadh no a Bheinn nam Fadhla," thuirt an Comh. Uisdean Robasdan.

Leisgeul

Ged is ann am Bùth Cheann a' Bhàigh a tha an t-seirbheis ri fhaighinn, chan eil gnothach aig a' bhùth fhèin ris an oifis.

'S ann a tha i air a ruith le Oifis a' Phuist ann am Baile a' Mhanaich.

Thuirt Iar-Mhaighstir Postachd Bhaile a' Mhanaich, Cailean Caimbeul: "Tha sinn a' tairgsinn ar leisgeul dhan luchd-cleachdaidh nach robh seirbheis ri fhaotainn an t-seachdain seo.

"'S e a' chiad uair nach robh seirbheis ri fhaighinn air co-dhiù aon là den t-seachdain."

Thuirt labhraiche bho Oifis a' Phuist: "Faodaidh daoine a tha ag iarraidh seirbheis Oifis a' Phuist ghoireasach sam bith a chleachdadh, nam measg Oifis a' Phuist aig a' Chlachan, ann an Stòr a' Chlachain."

Dhùin a' bhùth sin bho chionn ghoirid ge-tà, agus tha mì-chinnt ann mun t-seirbheis a tha ri fhaighinn.

"B' àbhaist dhuinn a dhol chun a' Chlachain, ach bha an uair sin làithean eile a bhiodhmaid ann nuair nach robh airgead gu lèor aca. Chanadh i fhèin rinn "sorry, no money for you today," thuirt Mòrag NicBheathain.

Ged a dh'fhàs daoine eòlach air a' bheagan uairean de sheirbheis ann an Ceann a' Bhàigh, chan eil iad airson sin a chall.

Ann am beachd Mòrag NicBheathain, agus an Comh. Uisdean Robasdan, tha thìde aig a' choimhearsnachd an guth a thogail mu dheidhinn sin agus seirbheisean eile.

"Tha daoine tha mi a' smaoineachadh a' fàs searbh dheth bhith a' dol ann nuair a tha i dùinte mar sin, an comhair gach ama," thuirt a' Bh.Ph. NicBheathain.

"Tha daoine ro shàmhach mu dheidhinn. Chan eil sinn ag iarraidh dad mì-reusanta, ach ag iarraidh Oifis a' Phuist a bhith fosgailte," thuirt i.

Tha sinn a' faicinn thairis air bliadhna no dhà a th' air a dhol seachad, gu bheil sinn a' sìor-chall sheirbheisean mar Oifis a' Phuist, Banca na h-Alba, bùithdean a' dùnadh," thuirt an Comh. Robasdan.

"Mar sin, tha e gu math cudromach gun tòisich a' choimhearsnachd fhèin ag iomairt an aghaidh nan rudan a tha a' tachairt.

"Tha sinn fada fada ro dhiùid, feumaidh mi a ràdh, san sgìre againn.

"Feumaidh sinn seasamh suas an aghaidh nan rudan a th' air a bhith a' tachairt sna bliadhnaichean a th' air a dhol seachad.

"Mura dèan sinn sin tha a h-uile dad a th' ann a' dol a dhùnadh timcheall oirnn," thuirt e.