Tosgaire na Gàidhlig air ainmeachadh

  • Air fhoillseachadh
An t-Àrd-Oll. Boyd Robasdan

Chaidh an t-Àrd-Ollamh Boyd Robasdan ainmeachadh mar Thosgaire na Gàidhlig airson 2015 aig cuirm fhosglaidh a' Mòid Nàiseanta Rìoghail, anns an Òban.

Tha an t-Àrd-Oll. Robasdan na Phrionnsabal air Sabhal Mòr Ostaig, agus chaidh an tiotal a bhuileachadh air le Ministear Chànanan na h-Alba, An t-Oll. Alasdair Allan.

Thuirt an t-Àrd-Oll. Robasdan: "Tha seo na urram mòr dhomh agus tha mi air m' irisleachadh, chan ann a-mhàin seach gur e duais a th' ann gu pearsanta, ach mar aithne air an obair aig Sabhal Mòr Ostaig, far a bheil mi nam cheannard air ionad a tha cho adhartach agus sàmhlachail, agus 's e urram a tha anns an dreuchd sin fhèin."

"Tha mi fìor thoilichte a bhith a' faighinn leithid de dhuais anns an Òban far an do chuir mi seachad a' chiad 10 bliadhna de m' shaothair ann am foghlam. Bu mhath leam taing a thoirt dhan Chomunn Ghàidealach airson leithid de dh'urram a bhuileachadh orm agus airson mo chuid eòlais air mo charaidean an Earra-Ghàidheal agus sa chòrr de shaoghal na Gàidhlig ùrachadh."

Thuirt an t-Oll. Allan: "Tha an t-ainm aig Boyd Robasdan air a dhlùth-cheangail ri foghlam Gàidhlig ann an Alba. An dèidh na rinneadh leis, bhiodh e doirbh smaoineachadh air neach sam bith eile a bhiodh nas airidh air urram an tiotail Tosgaire na Gàidhlig.

"Chaidh Sabhal Mὸr Ostaig bho neart gu neart bhon chaidh a chur san dreuchd mar Phrionnsapal ann an 2009. Tha a' cholasite air leth fortannach gu bheil leithid de neach a tha cho dealasach agus fìor eòlach aig an stiùir a' seasamh an còraichean. Tha Riaghaltas na h-Alba airson is gum bi barrachd de dh'òigridh a' leantainn an deagh eisimpleir a chaidh a chur air adhart le daoine mar Boyd Robasdan a tha air cur gu mòr ri uimhir de leasachaidhean foghlaim Gàidhlig ann an Alba," thuirt e.

Thuirt Iain Moireasdan, Àrd-Oifigear a' Chomuinn Ghàidhealaich: "Tha an t-Àrd-Oll. Boyd Robasdan gun teagamh airidh air Duais Thosgaire na Gàidhlig, a tha ga lìbhrigeadh le taic Riaghaltais na h-Alba. Tha e air a bhith na ghaisgeach dhan Ghàidhlig tro fhoghlam fad bhliadhnaichean agus a' leantainn mar fhìor dheagh shàmhla do ghinealaich òga a tha a' sìreadh dhòighean air Gàidhlig ionnsachadh. Tha Boyd a' sìor obrachadh airson Gàidhlig a dhèanamh na cànan a tha tarraingeach, agus nas cudromaiche, fosgailte dhan fheadhainn a tha le ùidh innte agus airson a h-ionnsachadh.

"Bha an obair a rinneadh leis air a' chiad Bhòrd na Gàidhlig, a chiad bhuidheann oifigeil a chaidh a stèidheachadh leis an Riaghaltas, gu sònraichte a' taisbeanadh cho làidir 's a bha e den bharail gum bu chòir a' Ghàidhlig a chur air adhart ann an saoghal ùr na h-Alba anns an là an-diugh. Tha e na mhòr-thoileachas dhuinn aithneachas airson duais cho cudromach seo aig a' Mhòd Nàiseanta Rìoghail ann an 2015 anns an Òban."