Sàbhailteachd ralaidhean fon phrosbaig

Postair Ralaidh Image copyright .

Tha sàbhailteachd aig ralaidhean fon phrosbaig às ùr às dèidh tubaiste ann am Muile air an deireadh-sheachdain.

Chaidh farpaiseach a mharbhadh is fear eile a ghoirteachadh gu dona.

Thachair an tubaist aig Ralaidh Mhuile timcheall air uair feasgar Disathairne.

Chaochail Andy Mort, 47, a bha na cho-dhràibhear, aig làrach na tubaiste.

Chaidh an dràibhear, Iain McCrone, 26, a thoirt dhan ospadal ann an Glaschu le heileacoptair. 'S ann à Muile a tha an dithis.

Tha rannsachadh poilis a' leantainn air an tubaist, a tha a' tighinn às dèidh tubaistean bàsmhor eile aig ralaidhean air a' Ghàidhealtachd is anns na Crìochan san dà bhliadhna mu dheireadh, a dh'fhàg gun deach stiùireadh ùr a stèidheachadh mu shàbhailteachd air ralaidhean.

Chaidh an còrr de Ralaidh Mhuile a chur dheth air an deireadh-sheachdain, ach chaidh a' chaismeachd a bhios ann gach bliadhna 'son deireadh na rèise a chomharrachadh air adhart Didòmhnaich, às dèidh iarrtais bho chompanach Andy Mort.