"Obraicheadh coimhearsnachdan còmhla"
- Air fhoillseachadh

Tha eòlaiche bann-leathainn ann an sgìrean iomallach air innse dhan BhBC gum bu chòir ceàrnaidhean den Ghàidhealtachd 's na h-Eileanan nach eil a' dol a dh'fhaighinn bann-leathainn fibreoptic an-dràsta obrachadh còmhla airson toirt air BT an lìonra a leudachadh.
Thuirt Mike Kiely, a bha aig àrd-ìre ann an sgioba bann-leathainn BT, gun deach an lìonra a dhealbhachadh airson a leudachadh, agus gum biodh e comasach do choimhearsnachdan iarrtas a chur a-steach airson an t-seirbheis fhaighinn, fiù 's ma bha sin a' ciallachadh cuid den obair a dhèanamh iad fhèin.
Bha Mgr Kiely ag obair fad fichead bliadhna dha BT, 's e air a thaghadh airson sgioba Broadband Delivery UK far an robh e an sàs ann a bhith a' dealbhachadh lìonra a' bhainn-leathainn fibreoptic ann an sgìrean iomallach.
A' bruidhinn ris a' BhBC, thuirt e nan obraicheadh coimhearsnachdan aig nach robh an t-seirbheis còmhla, gum feumadh BT èisteachd ri iarrtas sam bith airson ceangal a thoirt dhaibh ris an lìonra.
Tha e sna cùmhnantan a fhuair BT bhon Riaghaltas airson bann-leathann a thoirt seachad do sgìrean iomallach gum feum iad uidheamachd bhainn-leathainn a ghabhas cleachdadh agus nach eil ro dhaor a thoirt seachad do choimhearsnachdan.
Cha do fhreagair BT na thuirt Mgr Kiely, ach thuirt iad gu bheil iad airson obrachadh le coimhearsnachdan aig nach eil seirbheis bhainn-leathainn, agus gu bheil iad air iomairt ùr a thòiseachadh sna beagan làithean a dh'fhalbh airson sin a neartachadh.