Cus radon ann an 95 taigh comhairle
- Air fhoillseachadh
Tha 95 taighean aig Comhairle na Gàidheachd anns a bheil ìre ro àrd den ghas radon.
Tha an t-ùghdarras ionadail ag ràdh gun do dh'iarr iad air companaidh togail sgrùdadh a dhèanamh air mu 1,000 dachaigh san sgìre.
Ach, cha deach ach 700 pìos uidheamachd gus tomhas a dhèanamh air na th' ann den ghas a thilleadh chun an ùghdarrais le daoine sna taighean.
Thuirt Comhairle na Gàidhealtachd gun tèid sgrùdadh a dhèanamh fhathast air na ceudan de dhachannan eile.
Tha a' Chomhairle air a bhith a' rannsachadh na th' ann den ghas nàdarra ann an sgoiltean agus togalaichean eile a tha leotha bho an-uiridh.
Tha sgrùdaidhean air na sgoiltean fhathast a' leantainn, le dùil ri fios bhuapa an dèidh saor-làithean an Damhair.
'S ann tro lobhadh rèidiel chreagan agus talmhainn a chruthaichear an gas.
Gabhaidh dèiligeadh ri ìrean àrda dheth ann an togalaichean mar as trice le bhith a' cur fosglaidhean adhair ris na taighean.