Carragh-cuimhne ùr do dh'Edith Cavell
- Published
Bha an t-ainm Edith Cavell aithnichte air feadh Bhreatainn aig àm a' Chiad Chogaidh.
Bha i na h-àrd-bhanaltram sa Bhruiseil nuair a thòisich an cogadh.
Ghluais i a dh'obair dhan Chrois Dheirg - a' dèanamh cobhair air saighdearan bhon dà thaobh.
Ach a bharrachd air sin, an àite a bhith a' toirt nan saighdearan Breatannach seachad dha na Gearmailtich - aon uair 's gun robh iad air leigheas fhaighinn - bha ise ag obair le buidhinn a bha gan cuideachadh teicheadh dhan Òlaind.
Cùis-lagh airm
Thug i cuideachadh do shìobhaltaich anns an Fhraing agus sa Bheilg cuideachd.
Fhuair na Gearmailtich a-mach mu na bha i a' dèanamh agus chaidh a cur an grèim.
Fhuaireas ciontach i ann an cùis-lagh airm nach do mhair ach ceithir mionaidean.
Aig glasadh an là air an 12na là den Damhair 1915, chaidh a cur gu bàs le sgioba ghunnairean.
Gràin no nàimhdeas
Mus do bhàsaich i thuirt i nach robh i 'son gràin no naimhdeas a shealltainn do dhuine sam bith, agus às deidh a bàis thuirt Ministear Gearmailteach gun do bhàsaich i mar bhana-ghaisgeach.
Chaidh an sgeulachd aice innse anns a h-uile pàipear-naidheachd air feadh Bhreatainn agus bha an sluagh air an sgreamhachadh leis na thachair dhi.
Bha e na dheagh phropaganda dhan Riaghaltas aig an àm, 's chunnaic iad an àireamh a bha dol dhan airm a' dùblachadh gu còrr air 10,000 gach seachdain.
Cha robh e fada às dèidh seo gun deach na h-Aimeireaganaich an sàs sa chogadh.
Luaidh
Bha Inbhir Nis am measg nam bailtean a rinn luaidh air Edith Cavell as dèidh a' chogaidh, le bhith a' togail carragh-cuimhne, agus chaidh gàradh ainmeachadh às a dèidh cuideachd.
Diluain chaidh carragh-cuimhne ùr a chur suas gus am biodh fios aig an ath-ghinealach mu deidhinn.
Thuirt Cathraiche Legion Rìoghail Bhreatainn, Joe Davidson, gun robh iad toilichte a bhith a' toirt cuideachaidh do Chomhairle na Gàidhealtachd ann a bhith a' togail charragh-cuimhne airson boireannach a thug cuideachadh do shaighdearan air gach taobh den chogadh.
"Ged a dh'iarr a co-obraichean oirre stad, chùm i oirre a' cuideachadh, chan ann a-mhàin saighdearan, ach sìobhaltaich cuideachd.
"Boireannach làn smior a bh'innte, 's i a' feitheamh bàs - bu chòir dhi a bhith na gaisgeach dhuinn uile," thuirt Mgr Davidson.