Maoineachadh ga dhiùltadh do Cheòlas

Ceòlas

Tha planaichean na buidhne ealain, Ceòlas, gus ionad culturail a stèidheachadh an Uibhist a Deas air buille fhulang, agus tagradh leotha airson taic-airgid bhon Chrannchur Nàiseanta air fàiligeadh.

Tha a' bhuidheann ag ràdh ge-tà, gu bheil iad fhathast gu math misneachail mun phròiseact.

Tha Ceòlas am beachd an t-ionad cultarail a thogail air làraich a tha iad air taghadh ann an Dalabrog, agus iad ag obair ann an co-bhann ri Colaiste a' Chaisteil.

Thathas an dùil gun cosg an t-ionad timcheall air £12m, is bha Ceòlas air tagradh a dhèanamh do Mhaoin a' Chrannchuir Mhòir airson beagan a bharrachd air £1m.

Tha iad a-nise air cluinntinn ge-tà, gun deach an tagradh a dhiùltadh.

Bha Ceòlas an dòchas gum biodh an t-ionad deiseil as t-Samhradh 2017, ged a tha a-nise ceist mu choinneimh sin.

Thuirt Cathraiche Ceòlas, Màiri NicAonghais, gur e bristeadh dùil mòr a th' ann gun deach an tagradh a dhiùltadh.

"'S e glè bheag mìneachaidh a thug iad seachad," thuirt i.

"Bha tha iad ag ràdh nach robh e a' sealltainn na buannachd eaconamaich, nach robh an taobh sin làidir gu leòr," thuirt i.

"Ged a bha sinn air taic fhaighinn on a h-uile buidhinn mhaoineachaidh mun cuairt.

"Ach sin mar a tha, 's feumaidh sinn gabhail ris a' cho-dhùnadh acasan a thaobh sin."

Thuirt i cuideachd gu bheil iad fhathast gu math dòchasach gun gabh am pròseact a thoirt gu buil, is gun toir e buannachdan mòra dhan sgìre.

Thuirt i gu bheil iad ag obair còmhla ri Colaiste a' Chaisteil gus dòighean eile a lorg ionmhas fhaighinn.