Sgrùdadh air buaidh foghlaim àrd-ìre
- Air fhoillseachadh

Bu chòir sgrùdadh a bharrachd a dhèanamh airson dearbhadh dè a' bhuannachd a tha foghlam aig àrd-ìre a' toirt dhan Ghàidhealtachd is na h-Eileanan.
Bha an Dr Micheal Foxley, a tha air bòrd Oilthigh na Gàidhealtachd is nan Eilean, a' bruidhinn agus rannsachadh ùr ag innse mun bhuaidh eaconamaich a gheibhear à foghlam aig àrd-ìre.
Tha cùrsaichean ann am foghlam aig àrd-ìre gan tabhainn aig dusan colaistean air Ghàidhealtachd 's anns na h-Eileanan, agus aig 70 aonad-ionnsachaidh.
A rèir Mhìcheil Foxley tha buaidh an fhoghlaim seo a' dol nas fharsainne na suidheachadh eaconamach na sgìre, agus a' toirt atharrachaidh mhòir air teaghlaichean agus coimhearsnachdan.
Tha e airson gun tèid rannsachadh a dhèanamh airson meud na buannachd sin a dhearbhadh.
Sheall rannsachadh bho Cholaistean na h-Alba gu bheil luchd-pàighidh nan cìsean a' faighinn buannachd còig turas na tha iad a' cosg air colaistean ann an Alba, agus na h-oileanaich fhèin sia turas.
Thuirt an Dr Foxley gu bheil £40m air a chosg air foghlam aig àrd-ìre air Ghàidhealtachd agus anns na h-Eileanan, agus a rèir an sgrùdaidh, bheir sin buannachd £240m don sgìre.
Tha e a-nis air rannsachadh a bharrachd iarraidh a thaobh na Gàidhealtachd 's nan Eilean gu sònraichte airson cho cudromach 's a tha e a bhith a' maoineachadh oilthigh na Gàidhealtachd s nan Eilean a dhearbhadh.