An Solas Uaine?

  • Air fhoillseachadh
  • comments

Air thoiseach air co-labhairt nan Uaineach ann an Glaschu air an deireadh sheachdainn, bhruidhinn mi ri duine a bha na bhall dhen phàrtaidh o thoiseach fèin-riaghladh na h-Alba.

Bha cuimhne aige air cho beag is a bha am pàrtaidh anns na làithean ud - ach abair gun do dh'fhàs e on uair sin.

Da rèir-san, tha na h-uidhir de bhuill aca anns an sgìre aige fhèin na bha anns an dùthaich air fad nuair thòisich e.

Tha Pàrtaidh Uaine na h-Alba air a bhith a' fàs mean air mhean thar nam bliadhna - ach thàinig am fàs a bu mhotha anns a' bhliadhna a dh'fhalbh.

Ron reifreann air neo-eisimeileachd an-uiridh, bha mu 1700 ball aca.

Tha am pàrtaidh ag ràdh gu bheil mu 9000 aca a-nis.

Fàs

Mar sin dheth - agus gus nach biodh aca ri daoine a thionndadh air falbh mar thachair as t-Earrach - chum na h-Uainich a' cho-labhairt aca aig an SSEC air Chluaidh.

(Sin agus air sgàth 's gu bheil deagh cheanglan do chòmhdhail phoblaich - tha iad gu math measail air sin.)

Don fheadhainn a thàinig air trèana, air chois no air rothair, bha ceist mhòr a' feitheamh orra air thoiseach air an taghadh Albannach anns a' Chèitean.

'S e sin, ciamar a bheir iad air an àireamh de bhuill aig Holyrood fàs air an aon dòigh?

Ged a tha Uainich air a bhith anns a' phàrlamaid aig gach taghadh o chaidh a stèidheachadh, chan eil ach dithis bhall aca a-nis, às dèidh dhaibh seachdnar a chur gu Holyrood eadar 2003 agus 2007.

A-nis gu bheil barrachd bhall aca ann an Alba na tha aig na Lib Deamaich, tha iad an dòchas gum b' iad an ceathramh pàrtaidh as motha anns an t-seòmar an ath-bhliadhna.

Stiùireadh

Gus sin a dhèanamh feumaidh iad taic fhaighinn anns a' Chèitean bho chuid a bhòt don SNP ann an 2007 agus 2011.

Fo stiùireadh Phàdraig Harvie, tha na h-Uainich air an cur fhèin air làimh chlì nan nàiseantach air an eaconomaidh, air an àrainneachd, air Nato - tha John Finnie agus John Wilson, a chaidh a thaghadh fo bhrataich nan nàiseantach, a' seasamh airson nan Uaineach as dèidh don SNP am polasaidh aca air a' bhuidhinn dìona atharrachadh.

Chuala sinn barrachd mar sin bho Mhgr Harvie na òraid don phàrtaidh Disathairne.

Rinn e moladh agus càineadh air a' phàrtaidh don bhòt tòrr dhaoine a dh'fheumas e taic fhaighinn bhuapa as t-Earrach.

Air an àrainneachd, bha moladh airson leudachadh a' chaisg air fracadh ann an Alba, ach càineadh air riaghaltas a bha, na bheachd, beo-ghlacte ris an ola.

Air foghlam, bha moladh air oideachadh oilthigh saor an asgaidh, ach càineadh air an SNP airson dearmad a dhèanamh air colaistean.

Iomairt

'S dòcha gun tàinig am bas-bhualadh a bu mhotha, ge-tà, nuair thuirt Mgr Harvie - cha mhòr anns an dol seachad - nach robh ùidh a' choin aige ann an tìr-ghràdhachas.

Seo bho phàrtaidh a bha air taobh "bu chòir" ann an iomairt an reifrinn agus a bheir taic do neo-eisimealachd fhathast.

Ach tha iad airson taic fhaighinn gu sònraichte bhon fheadhainn nach eil nan nàiseantach, ach a bhòt air a son an-uiridh às dèidh dhaibh cur romhpa gum b' i an neo-eisimeileachd an slighe a b'fheàrr gu Alba na bu chothromaiche.

(Air darna reifreann, mhol Mgr Harvie gum bu chòir cothrom a bhith aig an t-sluagh bhòt eile iarraidh, a' toirt na cùise air falbh bho làmhan an luchd-poileataigs).

'S dòcha gur e an dùbhlan as motha a tha romhpa an siostam taghaidh fhèin - leis cho sgapte is a tha an luchd-taic aca air feadh na dùthcha, chan eil eadar puing no dhà anns a' cheud eadar a bhith a' cur gu mòr ris na tha aca aig Holyrood agus a' fuireach far a bheil iad.

Ach tha iad a' dèanamh fiughair ris an dùbhlan agus iad an dòchas gun toir an luchd-bhòtaidh solas uaine dhaibh nuair a thig an taghadh.