Bile an Fhoghlaim "ga neartachadh"

  • Air fhoillseachadh
Sgoil

Dhearbh Ministear nan Cànan 's an Ionnsachaidh, Alasdair Allan, gun dèan an Riaghaltas neartachadh air nithean Gàidhlig ann am Bile ùr an Fhoghlaim.

Ged nach tèid molaidhean an Riaghaltais cho fada ri còir laghail air foghlam Gàidhlig, bidh an tuilleadh ìmpidh air Comhairlean a thaobh a' chànain.

Nochd mì-thoileachas nuair a chaidh a' chiad dreach de Bhile an Fhoghlaim fhoillseachadh nach robh e a' toirt còir laghail do phàrantan air foghlam tro mheadhan na Gàidhlig dhan cuid chloinne.

Tha luchd-strì a' cumail a-mach gu bheil seo a dhìth airson 's gun lean fàs san àireamh chloinne a tha a' faighinn foghlaim sgoile sa chànan.

An dèidh coinneimh san Òban Dimàirt, le Bòrd na Gàidhlig, thug an Dr Allan an tuilleadh fiosrachaidh seachad air mar a thèid am bile a neartachadh a thaobh na Gàidhlig.

Thuirt e gum biodh moladh an Riaghaltais a' ciallachadh gum bi ìmpidh air Comhairlean innse carson nach urrainn dhaibh Foghlam tro Mheadhan na Gàidhlig a thabhann.

Thuirt Bòrd na Gàidhlig an dèidh na coinneimh gu bheil iad, am measg eile, ag iarraidh na slatan-tomhas a thathas a' cleachdadh airson iarrtasan reusanta air foghlam Gàidhlig a dhiùltadh, a dhaingneachadh san stiùireadh dhan reachdas a tha iad an-dràsta ag ullachadh còmhla ris an Riaghaltas.

Tha iad cuideachd airson 's gum bi foghlam Gàidhlig bho thrì bliadhna de dh'aois gu 18 fa chomhair a' bhile, leis nach eil ann an-dràsta ach reachdas a thaobh foghlaim bun-sgoile.