Coinneamh mu shàbhailteachd Dhùnrath

Dùnrath Image copyright DRSL

Tha aonadh an GMB air coinneamh iarraidh le Rùnaire a' Chumhachd, Fearghas Ewing, is iad iomagaineach mu shàbhailteachd aig làrach niuclasach Dhùnrath ann an Gallaibh.

Thuirt stiùirichean an aonaidh gu bheil grunn ghearainnean aig an luchd-obrach.

Am measg nan cuspairean a tha an GMB airson togail tha ìrean de shàbhailteachd aig an làraich, atharrachadh ann am manaidsearan aig àrd-ìre, ìrean ìosal de mhisneachd am measg luchd-obrach agus an liuthad de luchd-obrach a tha dheth tinn.

Tha an làrach niuclasach a-nise ga thoirt às a chèile, le dùil gum bi am prògram a' tighinn gu crìch ron bhliadhna 2030.

A rèir an GMB tha buill iomagaineach mu na thachaireas às dèidh dhan phrògram tighinn gu crìch.

Ged a chaidh airgead a chosg air pròiseactan ionadail, chan eil e soilleir co mheud cosnadh a tha sin air a chruthachadh.

Thuirt neach-labhairt an aonaidh gu bheil dìleab eaconamach prògram Dhùnrath ann an staid chugalach, agus nach eil an sgioba stiùiridh a tha os a chionn an-dràsta air càil a dhèanamh airson sin a leasachadh.