Stiùidio
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

14 An Dàmhair 2015 Ùraichte aig Ùraichte aig

Cion-cosnaidh

Thuit an àireamh de dhaoine gun chosnadh air feadh na Rìoghachd Aonaichte gu 1.7m sa chairteal bliadhna chun an Lùnastail. Tha sin air a dhol sìos faisg air 80,000, 's e aig an àireamh as ìsle bho 2008. Ann an Alba ge-tà, chaidh an àireamh de dhaoine gun chosnadh suas 18,000 - sin gu 170,000 duine.

A' Chàirt Fhiosgail

Tha an Seansalair, Seòras Osborne, air iarraidh air Buill-Phàrlamaid Làbarach bhòtadh leis na Tòraidhean air laghan ùra a bheireadh air an Riaghaltas nas lugha a chosg na tha iad a' faighinn ann an cìsean. Bhiodh leithid de ghluasad le buill Làbarach a' dol an aghaidh bheachdan an t-Seansalair Dhùbhlanaich, John MacDonnell, agus Ceannard ùr nan Làbarach, Jeremy Corbyn.

Georgia Williams

Tha Ceannard Poilis West Mercia ag ràdh gun robh am feachd air teaghlach deugaire a chaidh a mhurt o chionn dà bhliadhna fhàiligeadh gu mòr. Chaidh Georgia Williams, 17, às Shropshire, a mhurt aig taigh Jamie Reynolds. Chaidh esan a chur an grèim ann an Glaschu às dèidh làimhe. Fhuair aithisg rannsachaidh gum b' urrainn dhan mhurt a bhith air a sheachnadh, nam biodh Poilis West Mercia agus buidhnean eile air dèiligeadh gu ceart ri ionnsaighean eile a rinn Reynolds rona sin.

Bile an Fhoghlaim

Dhearbh Ministear nan Cànan 's an Ionnsachaidh, Alasdair Allan, ciamar a tha an Riaghaltas airson Bile an Fhoghlaim a neartachadh a thaobh na Gàidhlig. Ged nach tèid molaidhean an Riaghaltais cho fada ri còir laghail, bithidh an tuilleadh ìmpidh air comhairlean a thaobh foghlaim tro mheadhan na Gàidhlig. Thuirt Bòrd na Gàidhlig gu bheil iad ag iarraidh na slatan-tomhais a thathas a' cleachdadh airson iarrtasan reusanta airson foghlam Gàidhlig a dhiùltadh a dhaingneachadh, agus an stiùireadh ann an reachdas a tha iad an-dràsta an sàs ann a bhith ag ullachadh.

Bùth Shiaboist

Tha Bùth Shiaboist ann an Leòdhas a bha a' feuchainn ri airgead a thrusadh airson bhana a cheannach airson a bhith a' reic anns na coimhearsnachdan air an targaid aca a ruighinn. Bha iad an dòchas £5,000 a thogail, ach tha iad air a dhol thairis air an amas a bh' aca. Thog an iomairt aca le bhideothan air-loidhne aire dhaoine ann an grunn dhùthchannan.