Còisir ùr Bharraigh a' farpais am-bliadhna
- Air fhoillseachadh

Bìdh còisir ùr à Barraigh am measg na bhios a' farpais Diardaoin ann am farpais nan còisirean dùthchail aig a' Mhòd Nàiseanta Rìoghail anns an Òban.
B' ann às dèidh Mòd na bliadhna an-uiridh a chaidh co-dhùnadh feuchainn ri còisir a chur ri chèile.
Thuirt Stiùiriche na Còisir, Lisa NicNèill, gun robh tòrr ùidh aig muinntir an eilein anns a' chòisir ùir aca.
"Chuir sinn sanas a-mach toiseach na bliadhna ann an Guth Bharraigh agus anns na meadhanan sòisealta agus fhuair sinn an t-uabhas ùidh. Thuirt daoine gun robh iad deònach 's gun robh iad a' faireachdainn gum biodh e math nam biodh Barraigh air a riochdachadh ann am farpais nan còisirean aig a' Mhòd Nàiseanta".
Dh'aidich i cuideachd ge-tà, gu bheil obair mhòr na lùib.
"Feumaidh tu tòrr ùine a chur seachad aig an taigh a' deisealachadh agus a' coimhead air na pìosan ciùil 's an uair sin a' deisealachadh chlàraidhean dhaibh 's a' cur a-mach nam pàirtean leotha fhèin ... tha tòrr obrach ann ach b' fhiach a dhèanamh."
Bidh seachd còisirean a' farpais airson Sgiath Latharna ann an Tallaichean a' Chorrain feasgar Diardaoin.