Ath-bhreithneachadh laghail mu Chaisteal Leòdhais

Caisteal Leòdhais
Image caption Thòisich ath-bhreithneachail laghail ann an Cùirt an t-Seisein Diardaoin

Thòisich ath-bhreithneachadh laghail aig Cùirt an t-Seisein Diardaoin air mar a chaidh cùmhnant airson taigh-òsta ùir ann an Caisteal Leòdhais a thoirt dhan chompanaidh Natural Retreats.

'S e Kenman Holdings, aig a bheil grunn thaighean-òsta ann an Steòrnabhagh, a dh'iarr an ath-bhreithneachadh laghail, is iad den bheachd gun robh am pròiseas tairgse an aghaidh riaghailtean Eòrpach a thaobh taic-stàite.

Tha Comhairle nan Eilean Siar ag ràdh gun robh am pròiseas tairgse soilleir agus ceart aig a h-uile ceum, 's gum bi iad gan dìon fhèin gu làidir.

"Taic"

Tha Kenman Holdings ag ràdh gu bheil taic aca bho chòrr air 40 gnìomhachas eileanach ann a bhith a' toirt na Comhairle gu lagh.

Thuirt Coinneach MacCoinnich bho Kenman Holdings gun robh a h-uile duine taiceil dhan taigh-tasgaidh ùr agus an leasachadh air na làran gu h-ìosail.

'S e an dragh a th' orra-san ge-tà, ach gun dèan na h-àitean-fuirich gu h-àrd cron mòr air na gnìomhachasan aca.

Tha Comhairle nan Eilean Siar ag ràdh gu bheil iad misneachail gun deach na riaghailtean a leantainn mar a bu chòir aig gach ìre den phròiseas tairgse.

Thuirt iad cuideachd gu bheil e na bhriseadh-dùil gu bheil seo air sgleò a chur air fear de na leasachaidhean as motha riamh ann an turasachd sna h-Eileanan an Iar.

Tuilleadh air an sgeulachd seo

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile