Soirbheachas dha Bùth Shiaboist

Bùth Shiaboist Image copyright Mike Merritt

Chaidh còrr is £5,000 a ghealltainn leis a' phoball airson bhana a cheannach dha bùth Shiaboist air taobh siar Leòdhais.

Chaidh iomairt a dhèanamh air loidhne airson airgead a chruinneachadh le bhideothan a thog aire dhaoine air feadh an t-saoghail.

Cosgaidh bhana ùr £10,000 's bha am fear leis a bheil a' bhùth, Mìcheal Fitzpatrick, an dòchas dàrna leth na cosgais a thogail anns an dòigh seo.

Thuirt e nach robh e idir a' sùileachadh gun deadh aca cho math.

'S e Disathairne an ceann-là a bha romhpa airson an t-airgead a thogail, ach chaidh aca air an targaid aca a ruighinnn grunn làithean nas tràithe.

Tha sin a' fàgail gu bheil cothrom aca fhathast an tuilleadh airgid a thogail.

Taic làidir

Fhuair iad taic bho air feadh an t-saoghail le boireannach ann an Singapore a' gealltainn £400.

Leigidh an t-airgead leotha bhana a cheannach 'son biadh 's eile a lìbhrigeadh gu h-ionadail, agus cuideachd an gnìomhachas fhèin a leudachadh.

Tha planaichean aca 'son feòil bho bheathaichean ionadail a dheasachadh agus a reic cuideachd.

Tha a' bhùth air a bhith fosgailte bho chionn seachd mìosan, agus tha aon duine eile ag obair innte.