Neach-ionnsachaidh na bliadhna ga ainmeachadh

  • Air fhoillseachadh
Cairistiona NicChoinnich

'S i Cairistiona NicChoinnich à Steòrnabhagh a chaidh ainmeachadh mar neach-ionnsachaidh Ghàidhlig na bliadhna aig a' Mhòd Nàiseanta Rìoghail anns an Òban.

Chaidh Cairistiona NicChoinnich a thogail ann an Steornabhagh, 's tha i an-diugh ag obair aig Pròiseact nan Ealan.

Dh'ionnsaich i a' Ghàidhlig aig Sabhal Mòr Ostaig agus aig Colaiste a' Chaisteil.

Bha Gàidhlig aig a pàrantan 's thuirt i gun robh i ga cluinntinn na h-òige, ged nach robh ach beagan Ghàidhlig aice fhèin.

"Bha mi a' cluinntinn Gàidhlig san taigh agus nuair a bha daoine a' tighinn dhan taigh bhiodh iad a' bruidhinn Gàidhlig - tha mi air a bhith a' cluinntinn Gàidhlig fad mo bheatha - ach bha mi a' bruidhinn ann am Beurla agus tha e gu math duilich a bhith a' feuchainn ri bhith a' bruidhinn ann an Gàidhlig nuair a tha thu cleachdte ri bhith a' bruidhinn ann am Beurla".

'S e a bhith a' feuchainn ris a' Ghàidhlig a bhruidhinn a' chomhairle a bheireadh i fhèin do dhaoine eile.

Thuirt i gum bu chòir an eiseimpleir aice-se misneachd a thoirt do dhaoine eile anns an aon suidheachadh gum faod iad-san an cànan ionnsachadh cuideachd.

"Ma 's urrainn dhomh-sa seo a dhèanamh, 's urrainn dhaibh-san a dhèanamh cuideachd".

Ceanglaichean Eadar-lìn Dàimheil

Chan eil am BBC an urra ri na tha air Làraichean-lìn air an taobh a-muigh