Stiùidio
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

15 An Dàmhair 2015 Ùraichte aig Ùraichte aig

Co-labhairt an SNP

Tha Nicola Sturgeon air innse do bhuill an SNP bho chionn beagan mhionaidean nach eil an t-àm ann fhathast airson referendum eile air neo-eisimeileachd iarraidh. Tha co-labhairt a' phàrtaidh dìreach air tòiseachadh ann an Obar Dheathain. Seo a' chiad turas a choinnich an SNP bho fhuair iad còrr air 50 Ball-Pàrlamaid aig Westminster anns an taghadh mu dheireadh.

Pauline Cafferkey

Tha nurs Albannach, Pauline Cafferkey à Siorrachd Lannraig, fhathast gu math ìosail san ospadal agus i a' fulang le Ebola. Bha dùil na bu thràithe air a' bhliadhna gun robh i air faighinn seachad air a' bhìoras. Ach air an t-seachdain a chaidh, chaidh a toirt dhan Ospadal Saor Rìoghail ann an Lunnainn agus i bochd leis a-rithist. Thuirt dotair ann an sin gu bheil am bhìoras air a fàgail ann an suidheachadh èiginneach.

Cùiltearachd

Chaidh cur às do chasaidean cùiltearachd dhaoine agus laghan slàinte is sàbhailteachd a bhriseadh an aghaidh iasgair à Leòdhas ann an Cùirt an t-Siorraidh ann an Steòrnabhagh an-diugh. Bha Ailig Murchadh Moireach a' dol às àicheadh nan casaidean gun robh e air dithis à Ghàna a bha ag obair air a' bhàta aige, an Astra 3, a chùiltearachd. Às dèidh trì là de dh'fhianais tharraing an Crùn na casaidean air ais.

An t-Aonadh Eòrpach

Tha Seansalair na Gearmailt, Angela Merkel, air iarraidh air Dàibhidh Camshron mìneachadh dè na tha e ag iarraidh atharrachadh a thaobh a' chàirdeas eadar Breatainn agus an Roinn Eòrpa. Tha dùil ri referendum air fuireach anns an AE, no fhàgail, ro dheireadh 2017. Coinnichidh am Prìomhaire ri ceannardan an AE sa Bhruiseil gus bruidhinn air suidheachadh nan eilthireach a tha a' dèanamh air an Roinn Eòrpa am measg eile.

Volkswagen

Tha prìomh bhuidheann faire còmhdhail na Gearmailt, an KBA, air iarraidh air Volkswagen cha-mhòr 2.5m càr diesel iarraidh air ais airson càradh. Thuirt Volkswagen, a tha an-dràsta a' dèiligeadh ri sgainneal nan càraichean aca anns a bheil innealan airson truailleadh fhalach o luchd-sgrùdaidh, gu bheil iad an dùil càraichean air an tug seo buaidh iarraidh air ais anns an Fhaoilleach.

Caisteal Leòdhais

Thòisich ath-bhreithneachadh aig Cùirt an t-Seisein an-diugh air mar a chaidh cùmhnant airson taigh-òsta ùir aig Caisteal Leòdhais a thoirt seachad. Chaidh iarraidh le Kenman Holdings Eta, aig a bheil grunn thaighean-òsta ann an Steòrnabhagh. Tha iadsan mì-thoilichte le mar a fhuair companaidh eile, Natural Retreats, an cùmhnant, agus tha iad ag ràdh gun robh am pròiseas tairgse an aghaidh riaghailtean Eòrpach air taic-stàite. Tha Comhairle nan Eilean Siar ag ràdh gun do lean iad na riaghailtean agus gum bi iad gan dìon fhèin gu làidir.