Cùis-lagha ga leigeil às

Chaidh cur às de chasaidean cùiltearachd dhaoine agus laghan sàbhailteachd a bhriseadh an aghaidh iasgair à Leòdhas aig Cùirt an t-Siorraidh ann an Steòrnabhagh.

Bha Ailig Murchadh Moireach, à Pabail Uarach anns an Rubha, a' dol às àicheadh nan casaidean gun robh e air dithis à Gàna, a bha ag obair air a' bhàt'-iasgaich aige an Astra Trì, a chùiltearachd.

Bha trì casaidean eile na aghaidh co-cheangailte ri sàbhailteachd air a' bhàt-iasgaich aige.

Às dèidh trì làithean de dh'fhianais, tharraing an Crùn na casaidean air ais.