Buinn an t-Seann Nòis gu Leòdhas

  • Air fhoillseachadh
Bonn Òr

'S ann a Leòdhas a chaidh buinn òra an t-Seann Nòis aig a' Mhòd Nàiseanta Rìoghail.

Ann am farpais nam ban, 's i Ceitidh Ghreumach bhon Bhac a rinn a' chùis.

Bha Lisa NicNìll san dàrna àite.

'S i Iseabail NicIlleBhàin a bha san treas àite is Ellen NicDhòmhnaill sa cheathramh àite.

'S e Tormod MacLeòid à Càrlabhagh a shoirbhich ann am farpais nam fear.

San dàrna àite bha Raghnall Dòmhnallach 's bha dithis co-ionnan san treas àite, Ciaran Iòsaph MacAonghais agus Niall MacRisnidh.

Ceanglaichean Eadar-lìn Dàimheil

Chan eil am BBC an urra ri na tha air Làraichean-lìn air an taobh a-muigh