Drochaid an Eilein aig 20

Drochaid an Eilein Sgitheanaich

Tha fichead bliadhna ann bho chaidh Drochaid an Eilein Sgitheanaich fhosgladh.

Bhon uair sin tha a' mhòr-chuid de luchd-turais is luchd-siubhail dhan eilean agus a' dèanamh às air an drochaid a ghabhail.

Ach dh'adhbhraich an drochaid gu leòr chonnspaid, gu h-àraid airson a chiad naoi bliadhna a bha i fosgailte.

Gus an do dh'fhosgail an drochaid ann an 1995 b' fheudar do dhuine sam bith bha a' siubhal dhan eilean bàt-aiseig a ghabhail.

Ach bha connspaid gu leòr na cois nuair a chaidh a fosgladh - b' ann tro phròiseact PFI, a' gabhail a-steach gach cuid na roinne poblaich is prìobhaidich, a chaidh a togail, is dh'fhàg sin gun robh companaidh phrìobhaideach a' sireadh chìsean 'son siubhail airson a' chiad naoi bliadhna bha i ann.

Às dèidh iomairt mhòir thar nam bliadhnaichean, ann an 2004 cheannaich Riaghaltas na h-Alba an drochaid - rud a bhrosnaich cur às do chìsean air drochaidean air feadh na dùthcha.