Mòd 2019 an Glaschu
- Air fhoillseachadh
Tùs an deilbh, Iain Thompson/Geograph
Dh'fhoillsich an Comunn Gàidhealach gur ann an Glaschu a thèid am Mòd Nàiseanta Rìoghail a chumail ann an 2019.
Sin a' chiad turas a tha am Mòd air tilleadh a Ghlaschu bho 1990.
Bha e air a chumail ann am Pàislig ann an 2013.
An ath-bhliadhna, 's ann sna h-Eileanan Siar a bhios an fhèis, an uair sin ann an Loch Abar ann an 2017, agus an Dùn Omhain ann an 2018.