Sgiath MhicShimidh a' fuireach 'san Òban

  • Air fhoillseachadh

'Se Còisir Ghàidhlig an Òbain a ghlèidh Sgiath MhicShimidh agus Thulaich Bhàrdainn aig Mòd Nàiseanta Rìoghail na bliadhna 'sa.

Thànaig Còisir Ìle Ghlaschu anns an dàrna àite, le Còisir Inbhir Pheofharain san treas àite.

'Se Còisir Ghàidhlig Loch Abair a bhuannaich Cuach Cuimhneachan Mairead NicDhonnchaidh, le Còisir Obar Pheallaidh san dàrna àite agus Còisir Inbhir Narainn a' ghlèidheadh an treas àite.

Bha 9 còisir a' farpais son Sgiath MhicShimidh agus Thulaich Bhàrdain, le 7 airson Cuach Cuimhneachan Mairead NicDhonnchaidh.