Dh'fhaodadh cosgaisean aig calaidhean Mhoireibh a dhol suas

Dh'fhaodadh gun tèid a' chosgais a tha an lùib calaidhean sgìre Mhoireibh a chleachdadh suas.

Thèid innse do chomhairlichean ann an aithisg Dimàirt gu bheil e a' cosg £580,000 sa bhliadhna na calaidhean aca a chumail, ach gu bheil teachd-a-steach aca de chòrr is £100,000 nas lugha na sin.

Thèid grunn dhòighean a mholadh dha na comhairlichean airgead a bharrachd a dhèanamh às na calaidhean.

Chaidh moladh gum bu chòir cosgaisean Mhoireibh a bhith nas coltaiche ri sgìrean eile.

Chan eil e a' cosg ach £341 sa bhliadhna bàta ochd meatair a dh'fhaid a chumail aig caladh ann am Moireabh, agus sheall sgrùdadh aig deich calaidhean eile an Alba gun robh a' chosgais aca eadar £656 agus £1,950.