Clàr mòr eile an Linne Chrombaidh

  • Air fhoillseachadh
Linne ChrombaidhTùs an deilbh, Peter Jolly/Northpix

Chaidh clàr tollaidh mòr a bha ag obair far chosta Shealtainn a shlaodadh gu Linne Chrombaidh, far am fuirich e airson a' gheamhraidh.

Tha an West Phoenix còmhla ri grunnan chlàran eile a tha faisg air Inbhir Ghòrdain.

Tha na clàran anns an linne airson fasgadh no gus an tèid obair a dhèanamh orra.

Tha clàran-ola an dèidh a bhith a' dol a Linne Chrombaidh bho thòisich gnìomhachas na h-ola agus a' ghas anns a' Chuan a Tuath.

Ach, bho chionn ochd bliadhna, cha robh gin a chlàr anns an linne air sgàth crìonadh ann an gnìomhachas na h-ola.