Stiùidio
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 1100

19 An Dàmhair 2015 Ùraichte aig Ùraichte aig

Ceannairc

Thuirt Comhairle Mhuslamach Bhreatainn gun dèan plana Riaghaltas na Rìoghachd Aonaichte airson smachd a chur air ceannairc barrachd cron seach feum. Bheireadh na molaidhean ùra cead do phàrantan smachd a chur air cead siubhail chloinne ma tha dragh orra gu bheil iad fo bhuaidh radaigeachd. Tha casg ann cuideachd air feadhainn a chaidh a dhìteadh airson ceannairc bho bhith ag obair còmhla ri òigridh agus daoine a dh'fhaodadh a bhith ann an cunnart.

Luchd-imrich

Tha na mìltean de luchd-imrich glacte air crìochan na h-Eòrpa anns na sgìrean Balcanach le riaghailtean ùra a tha a' cur casg orra bho bhith a' siubhal dhan Aonadh Eòrpach. Tha mòran dhiubh sin gun bhiadh neo fasgadh eadar Sloibhìnia agus Croatia an dèidh do Sloibhìnia innse an-dè nach gabh iad tuilleadh àireamh gun smachd de dh'in-imrich.

Sìona

Tha ceann-suidhe Shìona, Xi Jinping, a' tòiseachadh air turas stàite a Bhreatainn an-diugh fhathast agus am Prìomh Mhinistear Dàibhidh Camshron ag ràdh gum brosnaich sin càirdeas às ùr eadar an dà dhùthaich. Chan eil ann ach trì bliadhna bho sgur Sìona de chòmhradh aig àrd-ìre ris an Rìoghachd Aonaichte agus iad mì-thoilichte gun do choinnich Dàibhidh Camshron ris an Dalai Lama.

EVEL

Chuir comataidh thar-phàrtaidh ann an Taigh nan Comantan teagamh sa phlana airson bhòtaichean Sasannach air cùisean Sasannach a chuireadh casg air buill Albannach ann an Westminster bho bhith a' bhòtadh air cùisean nach buin do dh'Alba. Tha Comataidh Dhòighean Obrach na Pàrlamaid ag ràdh gu bheil na planaichean ro thoinnte agus gum feum sùil gheur a chumail orra. Tha an SNP agus na Làbaraich ag ràdh gu bheil an aithisg a' dearbhadh laigse ann am plana an Riaghaltais.

Nicola Sturgeon

Thug Prìomh Mhinistear na h-Alba, Nicola Sturgeon, rabhadh do luchd-taic neo-eismileachd gun a bhith a' càineadh dhaoine eile air-loidhne. Thuirt Ms Sturgeon air Twitter nach eil mì-mhodh agus càineadh a' deanamh dad ach cron air an iomairt. Tha coltas ann gun do chuir i a beachd fhèin air-loidhne an dèidh àimhreit is deasbad anns na meadhanan sòisealta mun dòigh anns an deach sgioba rugbaidh na h-Alba a-mach a Cupa na Cruinne.

Aer Lingus

Chaochail duine air plèana le Aer Lingus eadar Lisbon ann am Portugal agus Baile Ath Cliath. Tha aithrisean ann gun do dh'fhàs an duine buaireanta agus gun tug e ionnsaigh air duine eile a bha a' feuchainn ri shocrachadh. Chaidh cùrsa a' phlèana atharrachadh gu Corcaigh agus chaidh dearbhadh an sin gun robh an duine marbh.

Bann-leathann

Tha Iomairt na Gàidhealtachd 's nan Eilean ag ràdh gu bheil suas ri 4,000 dachaidh agus gnìomhachas anns na h-Eileanan Siar a-niste a' faighinn seirbheis bann-leathann nas luaithe. Dh'aidich HIE ge-tà, nach eil cothrom aig a h-uile coimhearsnachd air na seirbheisean ùra a tha iad fhèin agus BT a' toirt seachd, ach gum bi seo a' fosgladh cothrom do phròiseictean eile, leithid Connected Communities, leasachadh a thoirt air na seirbheisean acasan.