Cluicheadairean iomain gan iarraidh an Gallaibh

Tha cluba iomain, a tha ag ràdh gur iad an sgioba as fhaide tuath anns an t-saoghal, a' coimhead airson cluicheadairean ùra.

Chaidh Cluba Iomain Ghallaibh a stèidheachadh anns an Lùnasdal an-uiridh, agus tha luchd-obrach bho Ionad Niuclasach Dhùn Rath am measg nan cluicheadairean aca.

Tha iad an dòchas barrachd chluicheadairean is buill fhaighinn gus am faigh iad a lìogan nàiseanta na h-iomain.

Dh'iarradh an sgioba, a tha stèidhichte an Inbhir Theòrsa, faighinn a-steach dhan Dàrna Lìog Nàiseanta a Tuath.

Mus deach an sgioba a thòiseachadh, bhitear a' cluiche iomain an Gallaibh gach bliadhna airson Cuach Nostie.

Anns na 1960an, bha sgioba iomain stèidhichte an Dùn Rath.