BT a' tabhann taic le bann-leathann

Meur-chlàr Image copyright PA

Tha BT a' gealltainn gun cuidich iomairt ùr coimhearsnachdan nach bi gan ceangal ri bann-leathann fibre a rèir nam planaichean a th' ann an-dràsta.

A rèir cheannard na pròiseict, Raibeart Thorburn, tha BT airson obrachadh còmhla ri coimhearsnachdan air a' Ghàidhealtachd agus anns na h-eileanan airson cur às dha na cnapan-starra a tha mun coinneimh an-dràsta

Mean air mhean tha bann-leathann fibre a' tighinn chun na Gàidhealtachd 's nan eilean le cuid de sgìrean mar thà a' faighinn buannachd às.

Ach tha cuid de sgìrean ann nach eil aig an ìre seo fiù 's mar phàirt de phlana BhT gus bann-leathann fibre a thoirt seachad -Sgìre Ùige ann an Leòdhas agus Ceann a' Bhàigh ann an Uibhist a Tuath nam measg.

Tha seo air mì-thoileachas mòr adhbharachadh anns na coimhearsnachdan sin, is bann-leathann luath a' fàs nas cudromaiche airson leasachaidhean eaconamach gach bliadhna.

A-nis, tha BT a' gealltainn gun obraich iad le gach coimhearsnachd nach eil mar phàirt den phlana an-dràsta.

Tha iad a' gealltainn gun èist iad ri beachdan sam bith a tha aig na coimhearsnachdan agus gun obraich iad leotha airson na beachdan sin a thoirt gu buil ma tha e comasach an coileanadh.

Thèid làrach-lìn ùr fhoillseachadh Dimàirt far am faod coimhearsnachdan iarrtasan a chur a-steach.

Tuilleadh air an sgeulachd seo