Rabhadh bho Bhoris
- Air fhoillseachadh
Gheibh a' Ghàidhealtachd rabhadh a dh'aithghearr bho Mhèar Lunnainn, Boris Johnson, nach eil e ro choltach gum bi ceanglaichean adhair aca ri Heathrow a-rithist, ged a bhiodh raon-laighe eile air a thogail ann.
Tha Mgr Johnson a' sgrìobhadh gu sgìrean timcheall air an dùthaich ag innse dhaibh gu bheil beachd ann gur e na bu lugha de sheirbheisean san dùthaich fhèin a gheibheadh ceangal as ùr ri Heathrow ged a bhiodh barrachd rùm aca.
Tha Boris Johnson air a bhith a' cur an aghaidh phlanaichean gus Heathrow a leudachadh.